YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 33

33
1 Breitheanais Dhè an aghaidh naimhdean Shioin. 13 Glacaidh uamhann na cealgairean, 15 ach iadsan a ghluaiseas gu h‑ionraic bithidh Dia na dhìdein dhaibh.
1Is an‑aoibhinn dhutsa, a chreachadair#Isa 21:2; Hab 2:8, nach robh air do chreachadh thu fhèin; agus fhir na foill, ris nach do bhuin iad gu fealltach: nuair a sguireas tu de chreachadh, creachar thu#Tais 13:10; agus nuair a bheir thu thairis a bhith ri foill, buinidh iad gu fealltach riut.
2O Thighearna, dèan tròcair oirnn; ortsa tha sinn a’ feitheamh#Isa 25:9; Salm 123:2; bi thusa ad ghàirdean dhaibh gach madainn; ar slàinte fòs ri àm na h‑airce#Salm 37:39.
3O ghuth a’ bhuaireis theich na slòigh; nuair a thog thu suas thu fhèin, sgapadh na cinnich.
4Agus cruinnichear ur creach mar a chruinnicheas am burras: mar shiubhal nan lòcast, thig e orra.
5Tha an Tighearna air àrdachadh#Salm 97:9; seadh, tha a chòmhnaidh gu h‑àrd; lìon e Sion le breitheanas agus ceartas#Ròm 3:26.
6Agus bidh slàinte làidir, gliocas, agus eòlas, nan daingneachadh dod linn; tha eagal an Tighearna na ionmhas dha#Gnà 14:27.
7Feuch, togaidh na daoine cumhachdach gaoir an taobh a‑muigh; guilidh teachdairean na sìthe gu goirt.
8Tha na ròidean mòra fàsail, dh’fhalbh am fear‐turais; bhris e an coicheangal, chuir e cùl ris na cathraichean, chan eil meas aige air duine.
9Tha an talamh ri bròn, agus a’ fannachadh; tha Lebanon fo nàire, agus air a ghearradh sìos; tha Sàron air fàs mar fhàsach; agus Basan agus Carmel air crathadh dhiubh an toraidh.
10A‑nis èiridh mi, deir an Tighearna; a‑nis àrdaichear mi#Salm 46:10; a‑nis togaidh mi suas mi fhèin.
11Bidh sibh torrach air moll: beiridh sibh asbhuain; nì ur n‑anail, mar theine, ur caitheamh.
12Agus bidh na slòigh mar aol air a losgadh; mar dhroigheann air a ghearradh sìos, loisgear iad anns an teine.
13Cluinnibh, O sibhse tha fad as, an nì a rinn mi; agus sibhse tha dlùth, aidichibh mo chumhachd.
14Tha na peacaich ann an Sion fo eagal; ghlac uamhann na cealgairean#Mat 22:12: cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri teine millteach#Nah 1:6? Cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri lasraichean sìorraidh?
15Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic#Salm 15:2, agus a labhras gu ceart; a ghabhas gràin de bhuannachd na h‑ainneirt, a chrathas a làmh o bhith a’ glacadh duais na h‑eucoir; a dhruideas a chluas o èisdeachd ri sgeul fala, agus a dhùineas a shùilean o amharc air olc#Salm 119:37;
16Bidh a chòmhnaidh‐san anns na h‑ionadan àrda; bidh daingnichean nan creag nan dìdean dha; bheirear aran dha#Salm 34:10; 37:3; mairidh uisge gu cinnteach aige.
17Seallaidh do shùilean air an Rìgh na mhaise; chì iad an tìr cian fad as.
18Smaoinichidh do chridhe air uamhann. Càit a bheil an sgrìobhaiche#1 Cor 1:20? Càit a bheil am fear‐tomhais? Càit a bheil esan a ghabh àireamh nan daingnichean?
19Chan fhaic thu sluagh borb; luchd na cainnte domhain, nach b’urrainn thu a chluinntinn; luchd na teanga manntaich, nach b’urrainn thu a thuigsinn.
20Amhairc air Sion, cathair ar n‑àrd fhèillean; chì do shùilean Ierusalem na còmhnaidh fhoisdinnich, na pàillean nach atharraichear; cha ghluaisear aon de a chuaillean gu bràth#Tais 3:12, cha mhò a bhrisear aon da chùird.
21Ach ann an sin bidh an Tighearna glòrmhor dhuinne na ionad aibhnichean agus shruthan leathann; cha siubhail soitheach ràmhach ann; cha mhò a thèid long ghreadhnach troimhe.
22Oir is e an Tighearna ar britheamh; is e an Tighearna ar fear‐tabhairt lagha; is e an Tighearna ar Rìgh; tèarnaidh e sinn.
23Tha do chùird fuasgailte; cha b’urrainn iad an crann a ro‑dhaingneachadh; cha b’urrainn iad an seòl a sgaoileadh; an sin tha creach phailt air a roinn; ghlac am bacach a’ chobhartach#1 Cor 1:27.
24Agus chan abair am fear‐àiteachaidh, Tha mi tinn#Ier 33:6‐8; Tais 21:4: gheibh an sluagh#Ier 50:20 a tha a chòmhnaidh an sin maitheanas nan aingidheachd.

Currently Selected:

Isaiah 33: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in