YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 34

34
1 Fearg an Tighearna an aghaidh nan cinneach a tha nan naimhdean da eaglais. 16 Cinnte na fàistneachd.
1Dlùthaichibh#Salm 49:1, a chinneacha, a‑chum èisdeachd; agus thugaibh aire, O fhineachan: èisdeadh an talamh#Deut 32:1 agus a làn, an saoghal agus na h‑uile a tha a’ teachd a‑mach uaithe.
2Oir tha fearg air an Tighearna an aghaidh nan cinneach uile#Seph 3:8; agus corraich an aghaidh an slògh uile; chuir e as dhaibh, thug e thairis iad a‑chum casgairt.
3Agus tilgear am mairbh a‑mach; agus on cairbhean èiridh breun bholadh; agus leaghaidh na slèibhtean sìos lem fuil.
4Agus crìonaidh feachd nèimh gu lèir air falbh#Salm 102:26; Esec 32:7, 8; Ioel 2:31; 3:15, 16; Mat 24:29; 2 Pead 3:10; Tais 6:13, 14, agus fillear na nèamhan air a chèile mar dhuilleig leabhair; agus tuitidh am feachd uile sìos, mar a thuiteas an duilleag sheargte on fhìonain, agus mar am meas làn‐abaich on chrann‐fhìge.
5Oir tha mo chlaidheamh air a chur air mhisg anns na nèamhan; feuch, tuitidh e air Idumèa#Ier 49:7, agus air an t‑sluagh a mhallaich mise, a‑chum breitheanais.
6Tha claidheamh an Tighearna sàsaichte le fuil; tha e biadhte le saill, le fuil uan agus ghobhar, le saill àirnean reitheachan; oir tha ìobairt aig an Tighearna ann am Bosrah#Isa 63:1, etc., agus àr mòr ann an tìr Idumèa.
7Agus thig na h‑aon‐adharcaich a‑nuas maille riu, agus na daimh maille ris na tairbh; agus cuirear an tìr air snàmh le fuil, agus nìthear an duslach reamhar le saill.
8Oir is e là dìoghaltas an Tighearna a tha ann#Ier 46:10, agus bliadhna an ath‐dhìolaidh airson connsachadh#34:8 còmhstri. Shioin#Mic 6:2.
9Agus iompaichear a sruthan gu pic#Deut 29:23, agus a duslach gu pronnasg; agus fàsaidh a fearann uile na phìc loisgich.
10Cha tèid a chur as a dh’oidhche no a là; gu sìorraidh thèid a deatach suas#Tais 19:2, 3: o àl gu àl bidh i fàs; gu linn nan linn cha tèid aon neach troimhpe.
11Ach sealbhaichidh am pelican agus a’ ghràineag i#Seph 2:14; agus gabhaidh a’ chailleach‐oidhche agus am fitheach còmhnaidh innte; agus sìnidh e thairis oirre sreang an lèirsgrios, agus clachan na faoineachd.
12Gairmidh iad a h‑uaislean don rìoghachd, ach cha bhi iad ann; agus thig a ceannardan uile gu neoni.
13Agus fàsaidh an droigheann suas na lùchairtean; an fheanntagach agus an dris na daingnichean; agus bidh i na fàrdaich aig dràgonan, na h‑àros aig nigheanan na comhachaig.
14Agus coinnichidh fiadh‐bheathaichean an fhàsaich agus fiadh‐bheathaichean na machrach a chèile; agus glaodhaidh am fiadh‐dhuine ra chompanach; an sin fòs gabhaidh an sgreuchag‐oidhche fois, agus gheibh i dhi fhèin àite‐tàimh.
15An sin nì a’ chailleach‐oidhche mhòr a nead, agus beiridh i a h‑uighean; agus nì i gur, agus cruinnichidh i a h‑àlach fo a sgàil; an sin fòs cruinnichear na faing, gach aon le a chèile fhèin.
16Fiosraichibh de leabhar an Tighearna#Isa 8:20; Eòin 5:39; 2 Pead 1:19, agus leughaibh; cha bhi aon dhiubh seo air chall#Mat 5:18; Lùc 21:33, cha bhi aon as eugmhais a cèile; oir is e mo bheul‐sa a thug an àithne, agus is e a spiorad a thionail iad.
17Agus thilg e an crannchur air an son, agus roinn a làmh dhaibh e le sreing; sealbhaichidh iad e gu sìorraidh: o àl gu àl gabhaidh iad còmhnaidh ann.

Currently Selected:

Isaiah 34: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in