YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 32

32
1 Sonas rìoghachd Chrìosd. 9 Fàidheadaireachd, mu thimcheall fàsachadh na tìre. 15 Nuair a dhòirtear an spiorad a nuas air an t‑sluagh, nì breitheanas còmhnaidh air thalamh.
1Feuch, rìoghaichidh rìgh ann am fìreantachd#Salm 45:6, 7; Ier 23:5, 6; Sech 9:9; Ròm 5:21, agus riaghlaidh uachdarain ann am breitheanas.
2Agus bidh duine mar ionad‐fasgaidh on ghaoith, agus mar dhìdein on doininn#Isa 4:6; mar shruthan uisge ann an àite tioram#Isa 44:3, mar sgàil creige mòire ann an tìr airtnealaich.
3Agus cha bhi ceò air sùilean na muinntir a chì; agus bheir cluasan na muinntir a chluinneas èisdeachd.
4Agus tuigidh cridhe an duine bhrais eòlas#Isa 29:24; agus bidh teanga an duine mhanntaich ealamh a‑chum labhairt gu soilleir.
5Cha ghoirear an t‑ùmpaidh fial nas mò, agus chan abrar gu bheil am mìodhair daoineachdail.
6Oir labhraidh an t‑ùmpaidh a‑ghnàth amaideachd#Ier 13:23, agus dealbhaidh a chridhe aingidheachd, a chur an gnìomh ceilge, agus a labhairt foill an aghaidh an Tighearna, a dhèanamh anam an acraich falamh, agus a thabhairt na dibhe on duine ìotmhor.
7Tha innealan an duine mhìodhair olc; tha e a’ dealbh innleachdan aimhleasach, a’ ribeadh nam bochd le briathran breugach, anns a’ cheart àm is an labhair an t‑ainniseach gu fìrinneach.
8Ach dealbhaidh an duine fial nithean fiala; agus le nithean fiala daingnichear e.
9Eiribh, a mhnathan a tha gu suaimhneach#Amos 6:1, cluinnibh mo ghuth; a nigheanan gun umhail, èisdibh rim chainnt.
10Iomadh là agus bliadhna bidh sibh gun fhois, O mhnathan gun umhail; oir dh’fhàilnich am fìon‐fhogharadh, cha tig tional an toraidh.
11Criothnaichibh, sibhse a tha suaimhneach; bithibh gun fhios, sibhse a tha gun umhail; cuiribh dhibh, rùisgibh sibh fhèin agus crioslaichibh ur leasraidh le aodach‐saic.
12Nì iad caoidh airson nan cìoch, airson nam machraichean taitneach, airson na fìonain torraich.
13Thig an droigheann agus an dris a‑nìos thar fearann mo shluaigh#Hos 10:8; seadh thar nan uile thaighean aoibhneach anns a’ bhaile luathghaireach.
14Oir tha an t‑àros air a thrèigsinn; tha buidheann lìonmhor na cathrach air am fàgail; bidh an daingneach agus an tùr nan uaimhean gu bràth, nan aoibhneas do na h‑asalan fiadhaich, nan ionaltradh airson nan treudan;
15Gus an dòirtear a‑nuas oirnn an Spiorad on àird#Ioel 2:28, 29, agus gus am bi am fàsach na mhachair thorraich, agus gus am measar a’ mhachair thorrach na frìth#Salm 107:33, etc..
16An sin nì breitheanas tàmh anns an fhàsach, agus anns a’ mhachair thorraich gabhaidh fìreantachd còmhnaidh.
17Agus is sìth obair na fìreantachd#Salm 85:10; Seum 3:18; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh.
18Agus gabhaidh mo shluagh còmhnaidh ann am fàrdaich fhoisdinnich#Eabh 4:9, agus ann an ionadan‐còmhnaidh tèarainte, agus ann an àiteachan‐tàimh suaimhneach,
19Nuair a thig a’ chlach‐mheallain a‑nuas air an doire#Isa 30:30, agus a nìthear a’ chathair cho ìosal ris a’ chòmhnard.
20Is beannaichte sibhse a tha a’ cur sìl ri taobh gach uisge#Ecl 11:1, 2, a tha a’ cur a‑mach cas an daimh agus na h‑asail.

Currently Selected:

Isaiah 32: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in