Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic, agus a labhras gu ceart; a ghabhas gràin de bhuannachd na h‑ainneirt, a chrathas a làmh o bhith a’ glacadh duais na h‑eucoir; a dhruideas a chluas o èisdeachd ri sgeul fala, agus a dhùineas a shùilean o amharc air olc;
Bidh a chòmhnaidh‐san anns na h‑ionadan àrda; bidh daingnichean nan creag nan dìdean dha; bheirear aran dha; mairidh uisge gu cinnteach aige.