YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 30

30
1 Chronaicheadh an sluagh do bhrìgh gun do chuir iad an dòigh anns an Eiphit, 8 agus gun d’rinn iad tàir air facal Dhè. 18 Tròcair an Tighearna da eaglais. 27 Bithidh a shluagh aoibhneach nuair a bhuaileas Dia na h‑Asirianaich.
1Is truagh don chloinn cheannaircich#Deut 29:19, 20, deir an Tighearna, a tha a’ dealbh chomhairlean, ach chan ann uamsa; a tha a’ còmhdach le brat‐falaich, ach chan ann lem spiorad‐sa#Isa 29:15; a‑chum gun cuir iad peacadh ri peacadh#Ròm 2:5:
2A tha ag imeachd gu dol sìos don Eiphit#Isa 31:1, ach nach d’fhiosraich dhìomsa; a‑chum iad fhèin a neartachadh le neart Phàraoh, agus a dhèanamh buin à sgàil na h‑Eiphit.
3Ach bidh neart Phàraoh dhuibh na nàire; agus ur bun à sgàil na h‑Eiphit na mhasladh.
4Oir bha a cheannardan aig Sòan, agus thàinig a theachdairean gu Hanes.
5Ghabh iad uile nàire de shluagh o nach d’fhuair iad tairbhe#Ier 2:36; o nach d’fhuair iad cuideachadh no tairbhe; ach a bha nan nàire agus nam masladh.
6Eallach ainmhidhean na h‑àird a deas; gu tìr airce agus èiginn as an tig an leòmhann òg agus an seann leòmhann, an nathair nimhe, agus an nathair theinnteach itealach; giùlainidh iad an saoibhreas air gualainn nan asal òga, agus an ionmhas air croit nan càmhal, a dh’ionnsaigh sluaigh nach tabhair buannachd dhaibh.
7Oir is dìomhain agus gun tairbhe còmhnadh nan Eiphiteach#Ier 37:7; uime sin thubhairt mi rithe seo, Is e an neart fantainn nan tàmh#Isa 30:15.
8Imich a‑nis, sgrìobh e fan comhair air clàr, agus comharraich e air leabhar; a‑chum gum bi e airson nan aimsirean a thig, airson fianais gu sìorraidh;
9Gur sluagh ceannairceach seo#Deut 32:20, clann bhreugach, clann leis nach àill èisdeachd a thabhairt do lagh an Tighearna:
10A tha ag ràdh ris na fir‐sheallaidh#Ier 11:21; Amos 2:12; 7:13; Mic 2:6, 11, Na faicibh; agus ris an fàidhean, Na labhraibh nithean cearta rinn ann am fàistneachd; labhraibh rinn nithean mìne; dèanaibh fàistneachd cheilge:
11Claonaibh air falbh on t‑slighe; rachaibh a lethtaobh on rathad dhìreach; cuiribh air falbh uainn Tì naomh Israeil.
12Air an adhbhar sin, mar seo deir Tì naomh Israeil, A chionn gu bheil sibh a’ dèanamh tàire air an fhacal seo, agus ag earbsa à claonadh agus à ceannairc#Salm 62:10, agus a’ leigeil ur taice ris:
13Uime sin bidh an t‑olc seo dhuibh mar bhriseadh ullamh gu tuiteam#Salm 62:3, mar aomadh ann am balla àrd, a thuiteas gu làr gu h‑obann, ann an tiota.
14Agus brisidh e e, mar bhriseadh soitheach a’ chreadhadair#Salm 2:9; Ier 19:11, a bhrisear na bhloighdean; cha chaomhain e, air chor is nach faighear, na bhriseadh, sgealb a thogas teine on teinntean, no a bheir uisge on tobar.
15Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh#Isa 30:7; Isa 7:4; Isa 26:3, 4; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.
16Ach thubhairt sibh, Chan eadh, ach air eich teichidh sinn; air an adhbhar sin teichidh sibh; agus air ainmhidhean luatha marcaichidh sinn; uime sin bidh iadsan luath a leanas air ur tòir#2 Rìgh 25:5.
17Teichidh aon mhìle ro achmhasan aoin#Deut 32:30; ro achmhasan chòignear teichidh sibh, gus am fàgar sibh mar chrann lom air mullach slèibh, agus mar bhrataich air cnoc.
18Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna#Hos 5:15; 2 Pead 3:9, a‑chum gun nochd e deagh‐ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart‐bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris‐san#Salm 34:8.
19Oir gabhaidh sluagh còmhnaidh ann an Sion#Isa 65:9, 24, ann an Ierusalem; cha ghuil thu nas mò; nì e mòr‐thròcair ort, ri guth do ghlaoidh; cho luath is a chluinneas e, bheir e freagradh dhut#Ier 29:12‐14.
20Agus ged bheir an Tighearna dhuibh aran airce#Salm 80:5 agus uisge àmhghair, gidheadh cha bhi do luchd‐teagaisg air am fògradh fad as#Salm 74:9; Amos 8:11, 12; ach bidh do shùilean a’ faicinn do luchd‐teagaisg.
21Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh#Salm 32:8, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.
22Agus truaillidh sibh trusgan ur dealbhan airgid, agus sgeadachadh do dhealbhan òir; tilgidh tu uat iad mar aodach truaillte; their thu ris, Teich uam#Hos 14:8.
23An sin bheir e uisge airson do shìl, leis an cuir thu d’fhearann; agus aran de thoradh na talmhainn, agus bidh e reamhar agus pailt; anns an là sin, ionaltraidh do sprèidh ann an àilean farsaing;
24Agus ithidh na daimh, agus na h‑asail òga a threabhas am fearann, innlinn air a deagh ghlanadh, air a grèidheadh leis a’ ghuit agus leis an t‑sluasaid.
25Agus air gach beinn mhòir, agus air gach cnoc àrd, bidh caochain agus sruthan uisge; ann an là an àir mhòir, nuair a thuiteas na baidealan.
26Agus bidh solas na gealaich mar sholas na grèine#Isa 60:19, 20, agus bidh solas na grèine a sheachd uiread, mar sholas sheachd làithean; an là anns an ceangail an Tighearna suas briseadh a shluaigh, agus anns an leighis e lot a bhuille.
27Feuch, tha ainm an Tighearna a’ teachd o chèin, a’ losgadh le fheirg, agus an eallach trom; tha a bhilean air an lìonadh le corraich, agus a theanga mar theine caithteach#Seph 3:8.
28Agus bidh a anail mar shruth dian a’ ruith thairis, a’ ruigheachd gu meadhon a’ mhuineil; a dh’fhasgnadh nan cinneach#Lùc 22:31 le fasgan an dìomhanais; agus bidh srian ann an giallan an t‑sluaigh#Isa 37:29, gan tarraing air seachran.
29Bidh ceòl agaibh, mar anns an oidhche anns an coimheadar fèill naomh#Salm 42:3, 4; agus gàirdeachas cridhe, amhail nuair a dh’imicheas neach le ceòl pìoba, a‑chum dol gu sliabh an Tighearna, gu Carraig Israeil#Isa 44:8; Deut 32:4.
30Agus bheir an Tighearna fa‑near gun cluinnear a ghuth glòrmhor, agus gum faicear leagadh a‑nuas a ghàirdein, le corraich ghairg, agus le lasair teine chaithtich; le sgapadh, agus doininn, agus clachan‐meallain.
31Oir le guth an Tighearna buailear sìos an t‑Asirianach, a bha a’ bualadh le slait.
32Agus anns gach àite anns an siubhail an t‑slat shònraichte, a leagas an Tighearna air, bidh tiompan agus clàrsaichean; agus le cruaidh‐chòmhraig cogaidh e leatha.
33Oir dh’ullaicheadh Tophet o shean#Ier 7:31; eadhon airson an rìgh tha sin air ullachadh; rinn e domhain e, rinn e farsaing e; cruach theine agus mòran connaidh; tha anail an Tighearna, mar shruth pronnaisg, ga fhadadh#Tais 14:9, 10.

Currently Selected:

Isaiah 30: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in