1
Isaiah 30:21
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.
Compare
Explore Isaiah 30:21
2
Isaiah 30:18
Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh‐ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart‐bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris‐san.
Explore Isaiah 30:18
3
Isaiah 30:15
Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.
Explore Isaiah 30:15
4
Isaiah 30:20
Agus ged bheir an Tighearna dhuibh aran airce agus uisge àmhghair, gidheadh cha bhi do luchd‐teagaisg air am fògradh fad as; ach bidh do shùilean a’ faicinn do luchd‐teagaisg.
Explore Isaiah 30:20
5
Isaiah 30:19
Oir gabhaidh sluagh còmhnaidh ann an Sion, ann an Ierusalem; cha ghuil thu nas mò; nì e mòr‐thròcair ort, ri guth do ghlaoidh; cho luath is a chluinneas e, bheir e freagradh dhut.
Explore Isaiah 30:19
6
Isaiah 30:1
Is truagh don chloinn cheannaircich, deir an Tighearna, a tha a’ dealbh chomhairlean, ach chan ann uamsa; a tha a’ còmhdach le brat‐falaich, ach chan ann lem spiorad‐sa; a‑chum gun cuir iad peacadh ri peacadh
Explore Isaiah 30:1