YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 29

29
1 Teanntachd Ierusaleim, agus lèir‐sgrios a luchd‐claoidh le làimh an Tighearna. 9 Chronaicheadh na h‑Iùdhaich airson an cealgaireachd. 17 Fhuair iad gealladh air nithean maithe.
1Mo thruaighe Ariel, Ariel, am baile anns an do chòmhnaich Daibhidh#29:1 no, a theannaich, 2 Sam 5:5‐9.; cuiribh bliadhna ri bliadhna; marbhadh iad ìobairtean#29:1 thigeadh na h‑àrd‐fhèillean mun cuairt..
2Gidheadh teannaichidh mise Ariel, agus bidh caoidh agus bròn ann; agus bidh e dhòmhsa mar Ariel.
3Agus campaichidh mi ad aghaidh mun cuairt; agus teannaichidh mi thu le tòrr#2 Rìgh 25:1, etc.: agus togaidh mi daingnichean ad aghaidh.
4Agus bheirear a‑nuas thu#Tuir 1:9, agus labhraidh tu as an talamh, agus bidh do chainnt ìosal as an duslach; agus thig do ghuth a‑mach as an talamh, mar fhiosaiche, agus nì do chainnt borbhanaich as an duslach.
5Agus mar an dus mìn bidh mòr‐bhuidheann do choigreach, agus bidh mòr‐bhuidheann nan uamhasach mar am moll luaineach#Iob 21:18; agus tàrlaidh e ann an tiota, gu h‑obann#1 Tes 5:3.
6Smachdaichear thu le Tighearna nan sluagh#Isa 30:30, le tàirneanaich, agus le crith‐thalmhainn, agus le treun ghuth, le stoirm agus doininn, agus lasair theine chaithtich.
7Agus amhail bruadar#Isa 37:36, aisling na h‑oidhche, bidh mòr‐shluagh nan uile chinneach, eadhon na h‑uile a tha a’ cogadh rithe fhèin#Isa 41:11, 12, agus ri a daingneach, agus a tha ga teannachadh.
8Agus amhail duine acrach a chì aisling, agus, feuch, tha e ag ithe, ach air dùsgadh dha, tha a anam cìocrach; agus amhail duine tartmhor a chì aisling, agus, feuch, tha e ag òl, ach air dùsgadh dha, feuch, tha e fann agus anam a’ miannachadh; mar sin tàrlaidh do mhòr‐chuideachd nan uile chinneach a tha a’ cogadh an aghaidh sliabh Shioin.
9Stadaibh, agus gabhaibh iongantas; seallaibh mun cuairt le ioghnadh, agus amhaircibh; tha iad air mhisg, ach chan ann le fìon; tha iad a’ call nan cas, ach chan ann le dibh làidir.
10Oir dhòirt an Tighearna oirbh spiorad suaine#Ròm 11:8; agus dhruid e suas ur sùilean; air na fàidhean agus ur luchd‐riaghlaidh, agus air an luchd‐seallaidh chuir e còmhdach#1 Sam 9:9.
11Agus tha an taisbeanadh uile dhuibhse, mar bhriathran leabhair air a ghlasadh suas a bheir iad do neach aig a bheil fòghlam, ag ràdh, Leugh seo, guidheamaid ort; agus their esan, Chan urrainn mi, oir tha e glaiste suas.
12Agus bheirear an leabhar do neach aig nach eil fòghlam, ag ràdh, Leugh seo guidheam ort; agus their esan, Chan eil fòghlam agam.
13Uime sin thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil an sluagh seo a’ teachd dlùth dhòmhsa lem beul#Esec 33:31; Mat 15:6‐9, agus a’ toirt onair dhomh lem bilean, ach nan cridhe gun do theich iad fada uam; agus gu bheil an eagal romhamsa air a theagasg le àitheantan dhaoine#Col 2:22;
14Air an adhbhar sin, feuch, thèid mise air m’aghaidh a dhèanamh iongantais am measg an t‑sluaigh seo#Hab 1:5, iongantas agus iongantas; ionnas gun tèid gliocas an daoine glice am mugha#Ier 49:7; Obad 1:8; 1 Cor 1:19, agus tuigse an daoine tuigseach as an t‑sealladh.
15Is truagh dhaibhsan a tha ag iarraidh an comhairle fhalach gu domhain on Tighearna#Isa 30:1; Salm 139:7, etc.; aig a bheil an gnìomharan anns an dorchadas, agus a tha ag ràdh, Cò a tha gar faicinn? Cò aig a bheil fhios oirnn#Salm 94:7?
16Gu cinnteach measar ur n‑ais‐innleachdan mar chriadh a’ chreadhadair; an abair an obair mun obraiche#Isa 45:9; Ròm 9:20, Cha do rinn e mi? Agus an abair an nì a dhealbhadh mun neach a dhealbh e, Cha robh tuigse aige?
17Nach tamall ro‑bheag fòs gus an dèanar Lebanon na fhearann torrach#Isa 32:15; Mat 19:30, agus gus am measar am fearann torrach mar fhrìth?
18Agus anns an là sin cluinnidh na bodhair briathran an leabhair#Isa 35:5; Lùc 7:22; agus as an dubhar agus as an dorchadas gheibh sùilean nan dall an lèirsinn.
19Meudaichidh fòs na daoine sèimhe an aoibhneas anns an Tighearna#Isa 61:1; agus nì na bochdan am measg dhaoine gàirdeachas ann an Tì naomh Israeil#Seum 2:5.
20Oir dh’fhàilnich an t‑uamhasach#Isa 51:13; Tais 12:10, agus thàinig crìoch air an fhear‐fhochaid; agus ghearradh as iadsan uile a bha furachair#29:20 ri faire. a‑chum aingidheachd#Salm 64:6; Ier 20:10;
21A nì duine na pheacach airson facail; a tha a’ leagadh ribe air a shon‐san a tha a’ tagradh anns a’ gheata#Amos 5:10, 12; agus a tha a’ tionndadh an ionracain a lethtaobh airson nì nach fiù.
22Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna#Ios 24:3, esan a shaor Abrahàm, mu thimcheall taigh Iàcoib, Cha nàraichear Iàcob#Isa 54:4, agus cha bhi a aghaidh a‑nis fo amhluadh.
23Ach nuair a chì e a chlann, obair mo làmh‐sa#Isa 60:21; Eph 2:10, na mheadhon, naomhaichidh iad m’ainm, agus naomhaichidh iad Tì naomh Iàcoib, agus bidh eagal orra ro Dhia Israeil.
24Tuigidh iadsan fòs, a chaidh am mearachd ann an spiorad#1 Cor 6:11, fìor eòlas; agus fòghlamaidh iadsan a bha ri borbhanaich teagasg.

Currently Selected:

Isaiah 29: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in