Isaiah 31
31
1 Is truagh dhaibhsan a tha ag iarraidh còmhnaidh on Eiphit an àite a bhith ag earbsadh as an Tighearna. 6 Earail gu tilleadh a dh’ionnsaidh Dhè. 8 Sgrios nan Asirianach.
1Is truagh dhaibhsan a tha a’ dol sìos don Eiphit airson còmhnaidh; a tha ag earbsa à eich#Isa 36:9; Deut 17:16, agus a’ cur an dòchais ann an carbadan, a chionn gu bheil iad lìonmhor; agus ann am marcaichean, a chionn gu bheil iad ro‑làidir; ach cha seall iad air Tì naomh Israel#Hos 7:7, agus chan iarr iad an Tighearna.
2Ach tha Esan glic, agus bheir e olc orra, agus cha chuir e a fhacal air chùl; ach èiridh e an aghaidh taigh nan aingidh agus an aghaidh cobhair na muinntir a tha a’ dèanamh euceirt.
3Oir is daoine na h‑Eiphitich, agus cha Dia iad; agus is feòil an eich, agus cha spiorad; nuair a shìneas an Tighearna a‑mach a làmh, tuitidh am fear‐cuideachaidh, agus leagar sìos am fear a bha air a chòmhnadh leis; agus millear iad gu lèir le chèile.
4Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium; mar a raoiceas#31:4 bheucas. an leòmhan#Hos 11:10, eadhon an leòmhann òg, os cionn a chobhartaich, nuair a chruinnichear buidheann bhuachaillean na aghaidh; cha ghabh e geilt ron guth, agus cha chaill e a mhisneach airson an co‑ghàir; is amhlaidh a thig Tighearna nan sluagh a‑nuas gu cogadh airson sliabh Shioin, agus airson a chnuic.
5Mar eunlaith ag itealaich os cionn an àlaich#Deut 32:11; Salm 46:5, mar sin dìonaidh Tighearna nan sluagh Ierusalem; le dìonadh saoraidh e i; agus le leum thairis tèarnaidh e i.
6Tillibh#Ier 3:12 da ionnsaigh‐san on do chlaon clann Israeil le seachran fada#Hos 9:9.
7Oir anns an là sin tilgidh gach aon air falbh uaithe iodhalan airgid, agus iodhalan òir, a rinn ur làmhan fhèin dhuibh a‑chum peacaidh.
8Agus tuitidh an t‑Asirianach#Isa 37:36, chan ann le claidheamh gaisgich; seadh, chan e claidheamh duine a shluigeas suas e; ach teichidh e on chlaidheamh, agus claoidhear#31:8 cuirear fo chìs. a dhaoine òga.
9Agus tro eagal thèid e a‑null a dh’ionnsaigh a dhaingnich, agus gabhaidh a chinn‐fheadhna geilt ron bhrataich, deir an Tighearna, aig a bheil a theine ann an Sion, agus a àmhainn ann an Ierusalem.
Currently Selected:
Isaiah 31: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017