Isaiah 26
26
1 Earail gu earbsadh à Dia do bhrìgh gun dèan e breitheanas air an nàmhaid, 12 agus gu nochd e tròcair da shluagh fhèin. 20 Smachdaichidh Dia luchd‐àiteachaidh na talmhainn airson an aingidheachd.
1Anns an là sin seinnear an dàn seo ann an tìr Iùdah: Tha againne cathair làidir#Salm 31:21; slàinte cuiridh e suas mar bhallachan agus mar dhaingneach#Isa 60:18.
2Fosglaibh‐se na geatachan#Salm 118:19, a‑chum gun tèid an cinneach fìrinneach a‑steach, a choimheadas an fhìrinn.
3Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain#26:3 sìth, sìth., aig a bheil a inntinn suidhichte ort#Philip 4:7, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.
4Cuiribh‐se ur dòchas anns an Tighearna#Salm 62:8 a‑ghnàth#Salm 125:1, oir anns an Tighearna Iehòbhah tha neart sìorraidh#26:4 carraig nan linnean; no, nan àl..
5Oir dh’ìslich e iadsan a bha a chòmhnaidh gu h‑àrd; a’ chathair àrd, thug e a‑nuas i; thug e a‑nuas i a‑chum an làir; thug e i eadhon a‑chum an duslaich.
6Saltraidh a’ chas oirre#Mal 4:3, casan an fheumaich, ceuman nam bochdan.
7Tha slighe an fhìrein ro‑dhìreach#Eph 2:10; nì thusa ceum an fhìrein fìor‐chòmhnard#Salm 37:23.
8Seadh, ann an slighe do bhreitheanas#Isa 64:4, 5 dh’fheith sinn ort; tha miann ar n‑anama air d’ainm#Salm 63:1‐6, agus air do chuimhne.
9Lem anam mhiannaich mi thu anns an oidhche#DànShol 3:1; seadh, lem spiorad an taobh a‑staigh dh’iarr mi thu anns a’ mhadainn; oir nuair a bhios do bhreitheanais air an talamh#Salm 58:11, fòghlamaidh luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail fìreantachd.
10Nochd tròcair don aingidh#Ecl 8:11; Tais 2:21, gidheadh chan fhòghlaim e fìreantachd; ann an tìr an ionracais buinidh e gu fealltach#Ecl 3:16; agus cha toir e fa‑near mòralachd an Tighearna#Isa 2:10.
11A Thighearna, tha do làmh togte suas#Ier 5:3; Ecs 14:8, gidheadh chan fhaic iad; ach chì iad#Tais 1:7, agus bidh iad fo amhluadh airson eud an t‑sluaigh; seadh, loisgidh teine do naimhdean suas iad#Daniel 3:22, 25.
12A Thighearna, òrdaichidh tu sìth dhuinne#Isa 26:3; oir eadhon ar n‑uile bheartan cumhachdach dh’obraich thusa annainn.
13O Thighearna ar Dia, bha ceannas oirnn aig tighearnan eile a bharrachd ortsa#2 Each 28:5, 6; Ròm 6:16‐18; ach annadsa a‑mhàin nì sinn luaidh air d’ainm#Salm 71:15, 16.
14Tha iad marbh, cha tig iad beò; dh’eug iad, chan èirich iad; uime sin dh’fhiosraich agus mhill thu iad, agus sgrios thu as an cuimhne gu tur.
15Mheudaich thu an cinneach, O Thighearna; mheudaich thu an cinneach; tha thu air do ghlòrachadh; sgaoil thu e a‑mach eadhon gu uile iomallan na talmhainn.
16A Thighearna, ann an àmhghar dh’iarr iad thu#Hos 5:15: dhòirt iad a‑mach an athchuinge nuair a bha do smachdachadh orra.
17Mar a bhios bean thorrach, nuair a bhios àm a h‑aisead am fagas, ann an teanntachd, ag èigheach gu h‑àrd na saothair; mar seo bha sinn ann ad fhianais, O Thighearna.
18Dh’fhàs sinn torrach, bha sinn ann an teanntachd, rug sinn mar gum b’e gaoth; cha d’obraich sinn slàinte anns an talamh, cha mhò a tha luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail air tuiteam.
19Thig do mhairbh beò; maille rim chorp marbh‐sa èiridh iad. Dùisgibh agus seinnibh#Daniel 12:2, sibhse tha a chòmhnaidh anns an duslach; oir tha do dhrùchd mar dhrùchd luibhean; agus tilgidh an talamh a‑mach na mairbh.
20Thig, O mo shluagh, imich a‑steach dod sheòmraichean#Gen 7:1; Ecs 12:22, 23, agus druid do dhorsan mun cuairt dhut; falaich thu fhèin car tamaill bhig#Isa 54:7, 8; Salm 30:5, car tiota, gus an gabh a’ chorraich thairis.
21Oir, feuch, tha an Tighearna a’ teachd a‑mach as àit#Iùd 1:14, 15, a smachdachadh luchd‐àiteachaidh na talmhainn airson an aingidheachd; agus leigidh an talamh ris an fhuil a tha air#Gen 4:10, 11, agus cha chòmhdaich e nas mò a mhairbh.
Currently Selected:
Isaiah 26: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017