1
Isaiah 26:3
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.
Compare
Explore Isaiah 26:3
2
Isaiah 26:4
Cuiribh‐se ur dòchas anns an Tighearna a‑ghnàth, oir anns an Tighearna Iehòbhah tha neart sìorraidh.
Explore Isaiah 26:4
3
Isaiah 26:9
Lem anam mhiannaich mi thu anns an oidhche; seadh, lem spiorad an taobh a‑staigh dh’iarr mi thu anns a’ mhadainn; oir nuair a bhios do bhreitheanais air an talamh, fòghlamaidh luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail fìreantachd.
Explore Isaiah 26:9
4
Isaiah 26:12
A Thighearna, òrdaichidh tu sìth dhuinne; oir eadhon ar n‑uile bheartan cumhachdach dh’obraich thusa annainn.
Explore Isaiah 26:12
5
Isaiah 26:8
Seadh, ann an slighe do bhreitheanas dh’fheith sinn ort; tha miann ar n‑anama air d’ainm, agus air do chuimhne.
Explore Isaiah 26:8
6
Isaiah 26:7
Tha slighe an fhìrein ro‑dhìreach; nì thusa ceum an fhìrein fìor‐chòmhnard.
Explore Isaiah 26:7
7
Isaiah 26:5
Oir dh’ìslich e iadsan a bha a chòmhnaidh gu h‑àrd; a’ chathair àrd, thug e a‑nuas i; thug e a‑nuas i a‑chum an làir; thug e i eadhon a‑chum an duslaich.
Explore Isaiah 26:5
8
Isaiah 26:2
Fosglaibh‐se na geatachan, a‑chum gun tèid an cinneach fìrinneach a‑steach, a choimheadas an fhìrinn.
Explore Isaiah 26:2