YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 27

27
1 Cùram Dhè da fhìon‐lios. 7 Smachdaichidh Dia a shluagh ann an tròcair agus ann an tomhas ceart; 13 agus tionailidh e iad o gach tìr dan tugadh iad ann am braighdeanas.
1Anns an là sin smachdaichidh an Tighearna le a chlaidheamh cruaidh, agus mòr agus làidir, Lebhiatan#Salm 74:14, an nathair dhìreach, agus Lebhiatan, an nathair lùbach; agus marbhaidh e an dràgon a tha anns an fhairge#Isa 51:9; Esec 29:3; 32:2.
2Anns an là sin, canaibh‐se do fhìonlios an fhìona dheirg#Lùc 20:9, etc.:
3Tha mise, an Tighearna, ga choimhead#Salm 121:4, 5, uisgichidh mi e gach tiota#Isa 58:11; a‑chum is nach dochainn aon neach e, coimheadaidh mi e a là agus a dh’oidhche.
4Annamsa chan eil dian‐chorraich#27:4 chan eil dian‐chorraich nas mò.. Cò a chuireadh an droigheann agus an dris am aghaidh anns a’ chath? Rachainn tromhpa, loisginn iad le chèile.
5No dèanadh e greim air mo neart#Isa 45:24; dèanadh e sìth rium#Iob 22:21; sìth nì e rium.
6Bheir e orrasan a thig o Iàcob freumhachadh#Salm 92:13‐15; Hos 14:5, 6; brisidh Israel a‑mach, agus thig e fo bhlàth; agus lìonaidh e aghaidh an t‑saoghail le toradh#Ròm 11:12.
7An do bhuail e e a rèir bualadh an tì a bhuail esan#Isa 10:20‐25; Ier 30:11? A bheil e air a mharbhadh a rèir àr na muinntir a mharbhadh leis?
8Ann an tomhas ceart nuair a bhriseas e a‑mach, nì thu tagradh ris. Choisg e a ghaoth gharbh ann an là na gaoithe an ear#Isa 57:16.
9Uime sin, le seo glanar aingidheachd Iàcoib air falbh#Eabh 12:6; agus is e seo an toradh uile a thabhairt air falbh a pheacaidh; nuair a nì e uile chlachan na h‑altarach mar chlachan aoil a tha air am pronnadh as a chèile, cha seas na doireachan no na dealbhan suas nas mò.
10Ach bidh a’ chathair dhaingnichte fàs, agus an t‑àite‐còmhnaidh air a thrèigsinn, agus air fhàgail mar fhàsach; an sin ionaltraidh an laogh, agus an sin laighidh e sìos, agus ithidh e a geugan.
11Nuair a sheargas a meangain, brisear iad; thig mnathan agus cuiridh iad ri theine iad; oir is sluagh gun tuigse iad#Deut 32:28; Hos 4:6; uime sin cha ghabh an tì a rinn iad truas dhiubh; agus cha nochd esan a dhealbh iad coibhneas dhaibh#Deut 32:18‐25.
12Agus tàrlaidh anns an là sin, gun dèan an Tighearna bualadh o chlais na h‑aibhne#27:12 is e sin, Euphrates. gu sruth na h‑Eiphit, agus tionailear sibhse suas, aon agus aon#Eòin 6:37, O chlann Israeil.
13Agus tàrlaidh anns an là sin gun sèidear a’ ghall‐tromp mhòr#Mat 24:31; 1 Tes 4:16; Tais 11:15: agus thig iadsan a bha a’ bàsachadh ann an tìr Asiria#Sech 10:8‐12, agus iadsan a bha air an sgapadh ann an tìr na h‑Eiphit#Ier 43:7; agus sleuchdaidh iad sìos don Tighearna, anns an t‑sliabh naomh ann an Ierusalem.

Currently Selected:

Isaiah 27: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in