Isaiah 25
25
1 Mhol am fàidh Dia airson a bhreitheanas; 6 agus rinn e gàirdeachas na shlàinte.
1O Thighearna is tu mo Dhia; àrdaichidh mi thu#Salm 46:10, molaidh mi d’ainm; oir rinn thu nithean iongantach; is tairisneachd agus fìrinn#Àir 23:19 do chomhairlean o shean.
2Oir rinn thu a’ chathair na tòrr, am baile daingnichte na chàrn sgrios#Ier 51:37; chuir thu àros nan coigreach o bhith na bhaile; gu bràth cha togar e.
3Air an adhbhar sin bheir an sluagh borb dhut glòir#Tais 11:13; gabhaidh cathair nan cinneach uamhasach eagal romhad.
4Oir bha thu ad neart don bhochd#Iob 5:15‐16, ad neart don fheumach na airc; ad dhìdean on doininn#Isa 4:6; 32:2, ad sgàil on teas; nuair a bha gaoth nan uamhasach mar dhoininn a’ sèideadh ris a’ bhalla.
5Mar an teas ann am fearann seargte, bheir thusa a‑nuas faram nan uaibhreach; mar an teas le sgàil neòil, ìslichear geug#25:5 no, òran. nan uamhasach.
6Agus anns a’ bheinn seo#Isa 2:2, 3 nì an Tighearna do na h‑uile chinnich cuirm#Mat 22:2, etc. de nithean blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithean blasda làn de smior, de fhìon aosda#DànShol 5:1 air a dheagh tharraing.
7Agus sgriosaidh e air a’ bheinn seo an còmhdach a chòmhdaich aghaidh nan uile shluagh, agus an sgàil#2 Cor 3:16, 18 a bha air a sgaoileadh thar na h‑uile chinnich.
8Sluigidh e suas am bàs le buaidh#Hos 13:14; 1 Cor 15:54, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh#Tais 21:4, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh#Mal 3:17, 18 on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.
9Agus anns an là sin theirear, Feuch, is e seo ar Dia‑ne; dh’fheith sinn ris#Tìt 2:13, agus thèarainn e sinn; is e seo an Tighearna, dh’fheith sinn ris, nì sinn gàirdeachas agus uaill na shlàinte#Salm 20:5; Sech 9:9.
10Oir gabhaidh làmh an Tighearna fois air an t‑sliabh seo; agus bidh Mòab air a shaltairt fodha#Isa 15; 16; Seph 2:9, mar a shaltairear connlach air an òtrach.
11Agus sìnidh e a‑mach a làmhan na mheadhon, mar a shìneas am fear a shnàmhas a‑mach a làmhan gu snàmh; agus bheir e a‑nuas a uabhar, maille ri creich#25:11 ais‐innleachdan. a làmh.
12Agus daingneach àrd do bhallachan leagaidh e sìos, ìslichidh e, bheir e a‑chum an làir, eadhon a‑chum an duslaich.
Currently Selected:
Isaiah 25: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017