1
Isaiah 25:1
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
O Thighearna is tu mo Dhia; àrdaichidh mi thu, molaidh mi d’ainm; oir rinn thu nithean iongantach; is tairisneachd agus fìrinn do chomhairlean o shean.
Compare
Explore Isaiah 25:1
2
Isaiah 25:8
Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.
Explore Isaiah 25:8
3
Isaiah 25:9
Agus anns an là sin theirear, Feuch, is e seo ar Dia‑ne; dh’fheith sinn ris, agus thèarainn e sinn; is e seo an Tighearna, dh’fheith sinn ris, nì sinn gàirdeachas agus uaill na shlàinte.
Explore Isaiah 25:9
4
Isaiah 25:7
Agus sgriosaidh e air a’ bheinn seo an còmhdach a chòmhdaich aghaidh nan uile shluagh, agus an sgàil a bha air a sgaoileadh thar na h‑uile chinnich.
Explore Isaiah 25:7
5
Isaiah 25:6
Agus anns a’ bheinn seo nì an Tighearna do na h‑uile chinnich cuirm de nithean blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithean blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharraing.
Explore Isaiah 25:6