Isaiah 24
24
1 Breitheanas uamhasach an Tighearna air an tìr. 13 Cliùthaichidh iarmad e le aoibhneas. 16 Uamhas luchd‐àiteachaidh na talmhainn. 23 Rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin.
1Feuch, tha an Tighearna a’ dèanamh an fhearainn falamh, agus ga chur fàs; tha e ga thionndadh bun‐os‑cionn, agus a’ sgapadh a luchd‐àiteachaidh.
2Agus tàrlaidh, mar a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart#Hos 4:9; mar a bhios an t‑òglach#Eph 6:8, 9, mar sin bidh a mhaighistir; mar a bhios a’ bhanoglach, mar sin bidh a bana‑mhaighistir; mar a bhios an ceannaiche, mar sin bidh am fear‐reic; mar a bhios esan a bheir iasad, mar sin bidh esan a ghabhas iasad; mar a bhios am fear a ghabhas riadh, mar sin bidh am fear a bheir riadh uaithe.
3Nìthear an tìr gu tur falamh, agus creachar i gu buileach; oir labhair an Tighearna am briathar seo.
4Tha an tìr ri caoidh agus a’ seargadh; tha an saoghal air lagachadh agus a’ seargadh; tha uaislean na tìre air lagachadh.
5Tha an tìr eadhon air a truailleadh fo a luchd‐àiteachaidh; oir bhris iad an reachd#Gen 3:17; Àir 35:33, dh’atharraich iad an t‑òrdagh; sgaoil iad an coicheangal sìorraidh.
6Air an adhbhar sin dh’ith mallachd suas an tìr#Mal 4:6, agus tha a luchd‐àiteachaidh air am fàsachadh; uime sin tha luchd‐àiteachaidh na tìre air an losgadh suas#2 Pead 3:10, agus is tearc an dream a dh’fhàgadh.
7Tha am fìon nuadh ri caoidh#Isa 16:8, 9; Ioel 1:10, 12, tha an fhìonain lag, tha luchd a’ chridhe aoibhinn uile ag osnaich.
8Sguir fuaim aighearach nan tiompan#Ier 7:34; Hos 2:11; Tais 18:22; theirig luathghaire na muinntir a bha ri gàirdeachas; sguir aighear na clàrsaich.
9Chan òl iad fìon le ceòl; bidh deoch làidir searbh dhaibhsan a dh’òlas i.
10Tha cathair na mì‑riaghailt air a briseadh sìos; tha gach taigh air a dhruideadh suas, air chor is nach faod aon neach dol a‑steach.
11Tha gaoir anns gach sràid airson fìona; dhorchaicheadh gach aighear; shiubhail gàirdeachas an fhearainn air falbh.
12Dh’fhàgadh lèir‐chreach anns a’ bhaile#Tuir 1:1, agus le buaireas bhriseadh sìos an geata#Tuir 2:9.
13Nuair a bhios e mar seo ann am meadhon na tìre, am measg an t‑sluaigh, bidh amhail crathadh a’ chroinn‐ola#Isa 6:13; 17:5, 6; Mic 2:12, agus mar an dìoghlam nuair a chrìochnaichear am fìon‐fhogharaidh.
14Togaidh iadsan an guth#Seph 2:14, 15, cliùthaichidh iad gu h‑àrd mòrachd an Tighearna; nì iad iolach on fhairge.
15Uime sin anns an teine#24:15 no, ann an tìrean na grèine; is e sin, an àird an ear. glòraichibh an Tighearna#1 Pead 3:15; eadhon ainm an Tighearna, Dia Israeil, ann an eileanan a’ chuain#Seph 2:11.
16O iomall na talmhainn chuala sinn òrain, eadhon glòir don fhìrean; ach thubhairt mise, Mo chaoile, mo chaoile, mo thruaighe mi! Tha na mealltairean a’ mealladh#Isa 48:8; Ier 5:11, seadh le foill tha na mealltairean a’ mealladh.
17Tha an t‑uamhas#Ier 48:43, 44, agus an sloc, agus an ribe ort, O fhir‐àiteachaidh na tìre.
18Agus tàrlaidh, esan a theicheas o ghuth an uamhais, gun tuit e anns an t‑sloc; agus esan a thig a‑nìos o mheadhon an t‑sluic, gun glacar anns an ribe e; oir tha na tuil‐dhorsan on àird air am fosgladh#Gen 7:11; agus tha bunaitean na talmhainn air an luasgadh#Salm 18:7.
19Tha an tìr gu tur air a briseadh sìos#Ier 4:23; tha an tìr air a sgaoileadh gu buileach as a chèile; tha an tìr air a luasgadh gu garbh.
20Bidh an tìr a’ gluasad#24:20 air udal. thuige agus uaithe mar mhisgear; agus atharraichear i mar bhothan‐tàimh#Isa 19:14: oir laighidh a h‑aingidheachd gu trom oirre#Sech 5:5‐8; agus tuitidh i, agus chan èirich i nas mò.
21Agus tàrlaidh anns an là sin gun smachdaich an Tighearna na daoine àrda a tha shuas, agus rìghrean na talmhainn air an talamh#Salm 76:12.
22Agus cruinnichear iad ri chèile, mar a chruinnichear prìosanaich ann an sloc; agus druidear suas iad mar ann am prìosan; agus an dèidh mòran làithean fiosraichear iad.
23An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh#Esec 32:7, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin#Mic 4:7; Sech 14:2‐9, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.
Currently Selected:
Isaiah 24: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017