Isaiah 12
12
Laoidh‐bhuidheachais don Tighearna airson a mhaitheis agus a chomhfhurtachd da shluagh.
1Agus their thu anns an là sin, Molaidh mi thu#Salm 34:1, etc., O Thighearna; ged bha thu feargach rium#Isa 54:7, 8; Salm 30:5; Hos 6:1, tha d’fhearg air a tilleadh air falbh, agus thug thu comhfhurtachd dhomh.
2Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl#Salm 118:14; is e fòs as slàinte dhomh.
3An sin tàirngidh sibh uisge le aoibhneas à tobraichean na slàinte#Isa 55:1; Eòin 4:10, 14; 7:37‐39; Tais 7:17.
4Agus anns an là sin their sibh, Molaibh an Tighearna#Salm 105:1, gairmibh air a ainm; cuiribh an cèill a ghnìomharan am measg nan cinneach; cumaibh air chuimhne gu bheil a ainm air àrdachadh.
5Canaibh don Tighearna, oir rinn e gnìomh òirdheirc#Ecs 15:1, 21; Salm 98:1; tha seo aithnichte anns an talamh uile.
6Eigh gu h‑àrd#Seph 3:14, agus dèan iolach, a bhean‐àiteachaidh Shioin; oir is mòr ann ad mheadhon Tì naomh Israeil#Salm 89:18.
Currently Selected:
Isaiah 12: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017