Isaiah 13
13
1 Ghairm Dia a dhaoine treuna a‑chum a chorraich a chur ann an gnìomh. 5 Bhagair e Bàbilon a sgrios leis na Medich. 19 Fàsachadh agus lèir‐sgrios Bhàbiloin.
1Trom‐eallach Bhàbiloin#Isa 21; 47; Ier 50; 51, a chunnaic Isaiah mac Amois.
2Air sliabh àrd togaibh suas bratach; èighibh riu gu h‑àrd; sìnibh ur làmh, a‑chum gun tèid iad a‑steach air geatachan nan uaislean.
3Thug mi àithne dom dhaoine coisrigte: seadh, ghairm mi mo dhaoine treuna#Ioel 3:11 a‑chum mo chorraich a chur an gnìomh; muinntir a tha a’ dèanamh luathghaire ann am mhòrachd.
4Fuaim mòr‐chuideachd anns na slèibhtean amhail sluagh mòr; fuaim luasgadh rìoghachdan chinneach air an cruinneachadh le chèile; tha Tighearna nan sluagh a’ deasachadh feachd a‑chum catha.
5Tha iad a’ teachd o thìr chèin, o iomall nan nèamhan, an Tighearna agus buill‐airm a chorraich, a mhilleadh na tìre gu lèir.
6Guilibh gu h‑àrd, oir tha là an Tighearna dlùth#Seph 1:7; Tais 6:17; mar lèirsgrios on Uile‐chumhachdach thig e.
7Air an adhbhar sin lagaichear na h‑uile làmhan, agus leaghaidh cridhe gach duine.
8Agus bidh iad fo uamhas; nì piantan agus guinean greim orra; mar mhnaoi ri saothair cràidhear iad; seallaidh iad gach aon air a chèile le iongantas; mar lasraichean teine bidh an aodainn.
9Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd#Mal 4:1, garg le feirg agus le dian‐chorraich, a chur na tìre fàs, agus a sgrios nan ciontach a‑mach aisde.
10Oir cha tabhair reultan nèimh agus a co‑shoillse uapa an solas#Esec 32:7, 8; Ioel 2:10; bidh a’ ghrian air a dorchadadh na dol a‑mach, agus cha toir a’ ghealach air a solas dealradh.
11Agus dìolaidh mise air an t‑saoghal an droch‐bheairt, agus air na h‑aingidh an euceart; agus cuiridh mi crìoch air àrdan nan uaibhreach, agus leagaidh mi sìos uaill nan uamhasach.
12Nì mi duine nas luachmhoire na òr grinn; seadh duine na fìor òr na h‑Ophir.
13Uime sin luaisgidh mi na nèamhan#Hag 2:6, agus gluaisear an talamh as a àit#2 Pead 3:10, 11, ann am feirg Tighearna nan sluagh, agus ann an là a dhian‐chorraich.
14Agus bidh iad mar earb air a ruagadh, agus mar threud chaorach nach eil neach a’ cuartachadh; tionndaidhidh iad gach aon a‑chum a shluaigh fhèin; agus teichidh iad gach aon gu a dhùthaich fhèin.
15Gach fear a ghlacar, sàthar troimhe e; agus na h‑uile a dhlùth‐leanas ri chèile, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh.
16Agus pronnar#Salm 137:8, 9 an naoidheanan fa chomhair an sùl; bidh an taighean air an creachadh, agus am mnathan air an èigneachadh.
17Feuch, dùisgidh mi suas nan aghaidh na Medich, aig nach bi meas air airgead; agus airson òir, cha bhi suim aca dheth.
18Pronnaidh am boghachan na h‑òganaich, agus cha dèan iad iochd air toradh na bronn; cha ghabh an sùil truas de leanaban.
19Agus bidh Bàbilon, maise nan rìoghachdan, glòir uaill nan Caldèanach, mar an lèirsgrios a thug Dia air Sòdom agus Gomorrah#Gen 19:24.
20Chan àitichear gu bràth i#Ier 50:3, 39; 51:29, 62; Tais 18:2, etc., cha mhò a ghabhar còmhnaidh innte air feadh linn nan linn; cha suidhich an t‑Arabach bùth an sin; cha mhò a nì buachaillean buaile an sin.
21Ach gabhaidh fiadh‐bheathaichean an fhàsaich còmhnaidh an sin; agus bidh an taighean làn de uamh‐bheistean; agus gabhaidh na cailleachan‐oidhche tàmh an sin, agus nì na gobhair fhiadhaich mire an sin.
22Agus freagraidh na h‑eòin fhiadhaich a chèile na lùchairtean, agus na dràgonan anns na seòmraichean aoibhinn, agus tha a h‑àm am fagas#Deut 32:35, 36, agus cha bhi a làithean air an sìneadh.
Currently Selected:
Isaiah 13: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017