YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 11

11
1 Rìoghachd shìochail an fhaillein a dh’fhàsas suas à freumh Iese. 10 Bithidh Crìosd mar bhrataich do na cinnich, 12 agus tionailidh e ri chèile dìobaraich Israeil.
1Agus thig geug#Isa 53:2 a‑mach o bhonn Iese#Gnìo 13:23; Tais 22:16, agus fàsaidh faillean#Sech 6:12 suas as a fhreumhan.
2Agus gabhaidh spiorad an Tighearna còmhnaidh air#Mat 3:16; Eòin 3:34, spiorad gliocais#1 Cor 1:30 agus tuigse, spiorad comhairle agus cumhachd, spiorad eòlais agus eagal an Tighearna:
3Agus bidh e geur‐mhothachail ann an eagal an Tighearna; agus chan ann a rèir sealladh a shùl a bheir e breith, no a rèir claisteachd a chluas a bheir e achmhasan.
4Ach le ceartas bheir e breith air a’ bhochd#Salm 72:2, 4; Tais 19:11, agus bheir e achmhasan le cothrom, as leth daoine ciùine na talmhainn; agus buailidh e an talamh le slait a bheòil#Tais 2:16; 19:15, agus le anail a bhilean marbhaidh e an t‑aingidh.
5Agus bidh ionracas na chrios ma leasraidh#Eph 6:14, agus fìrinn na crios ma àirnean.
6An sin gabhaidh am madadh‐allaidh còmhnaidh maille ris an uan#Isa 65:25, agus laighidh an liopard sìos maille ris a’ mheann; agus an laogh, agus an leòmhann òg, agus an sprèidh reamhar le chèile; agus nì leanabh beag an stiùradh.
7Agus ionaltraidh a’ bhò agus am math‐ghamhainn le chèile; laighidh an àlach sìos cuideachd; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh.
8Agus cluichidh an leanabh cìche air toll na nathrach nimhe; agus air nead na rìgh‐nathrach cuiridh an leanabh a thàinig on chìch a làmh.
9Cha dochainn agus cha sgrios iad#Isa 35:9; Iob 5:23; Tais 21:27, air feadh mo shlèibh naoimh‐sa gu h‑iomlan; oir lìonar an talamh le eòlas an Tighearna#Salm 72:19; Hab 2:14, mar a chòmhdaicheas na h‑uisgeachan aigeann na fairge.
10Agus anns an là sin, bidh freumh Iese#Isa 11:1 na sheasamh mar bhrataich do na slòigh; da ionnsaigh‐san iarraidh na cinnich#Ròm 15:9‐12, agus bidh a thàmh glòrmhor#Isa 60:13; Salm 132:8, 14.
11Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria#Sech 10:10, 11, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.
12Agus togaidh e an àird bratach airson nan cinneach#Isa 18:3, agus tionailidh e dìobaraich Israeil#Isa 56:8; Salm 147:2, agus muinntir sgapte Iùdah#Eòin 7:35; Seum 1:1 cruinnichidh e le chèile o cheithir ceàrnan na talmhainn.
13Agus sguiridh farmad Ephraim#Ier 3:18; Esec 37:17, 22; Hos 1:11, agus bidh luchd‐sàrachaidh Iùdah air an gearradh as; cha bhi farmad aig Ephraim ri Iùdah, agus cha sàraich Iùdah Ephraim.
14Ach leumaidh iad air guailnean nam Philisteach an taobh an iar; creachaidh iad le chèile muinntir na h‑àird an ear; air Edom#Obad 1:19 agus Mòab leagaidh iad an làmh, agus bheir clann Amoin gèill dhaibh#Isa 60:14.
15Agus millidh an Tighearna teanga na fairge Eiphitich, agus crathaidh e a làmh os cionn na h‑aibhne le a ghaoith làidir; agus buailidh e i na seachd sruthan agus bheir e orra imeachd troimhpe le casan tioram#Tais 16:12.
16Agus bidh rathad mòr aig fuidheall a shluaigh a dh’fhàgar o Asiria; mar a bha aig Israel#Ecs 14:29, anns an là anns an tàinig e a‑nìos o thìr na h‑Eiphit.

Currently Selected:

Isaiah 11: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in