1
Isaiah 12:2
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.
Compare
Explore Isaiah 12:2
2
Isaiah 12:3
An sin tàirngidh sibh uisge le aoibhneas à tobraichean na slàinte.
Explore Isaiah 12:3
3
Isaiah 12:5
Canaibh don Tighearna, oir rinn e gnìomh òirdheirc; tha seo aithnichte anns an talamh uile.
Explore Isaiah 12:5
4
Isaiah 12:4
Agus anns an là sin their sibh, Molaibh an Tighearna, gairmibh air a ainm; cuiribh an cèill a ghnìomharan am measg nan cinneach; cumaibh air chuimhne gu bheil a ainm air àrdachadh.
Explore Isaiah 12:4
5
Isaiah 12:1
Agus their thu anns an là sin, Molaidh mi thu, O Thighearna; ged bha thu feargach rium, tha d’fhearg air a tilleadh air falbh, agus thug thu comhfhurtachd dhomh.
Explore Isaiah 12:1
6
Isaiah 12:6
Eigh gu h‑àrd, agus dèan iolach, a bhean‐àiteachaidh Shioin; oir is mòr ann ad mheadhon Tì naomh Israeil.
Explore Isaiah 12:6