YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 1

1
1 Tha Isaiah a’ gearan a chionn gun d’rinn Iùdah ceannairc an aghaidh an Tighearna. 5 Truaillidheachd an t‑sluaigh. 10 Chronaich am fàidh iad airson an tabhartas dìomhain; 16 agus chomhairlich e dhaibh aithreachas a ghabhail. 23 Sgrios nan aingidh.
1Taisbeanadh Isaiah#Isa 43:26 mhic Amois, a chunnaic e mu thimcheall Iùdah, agus Ierusaleim, ann an làithean Usiah#2 Each 26–32, Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah.
2Cluinnibh, O nèamhan#Deut 32:1; Ier 2:12; Mic 6:1, 2, agus tabhair èisdeachd, O thalaimh, oir tha an Tighearna a’ labhairt: Dh’altraim mise, agus thog mi suas clann#Isa 63:16; agus rinn iadsan ceannairc am aghaidh.
3Is aithne don damh a shealbhadair#Ier 8:7, agus don asail prasach a maighistir; ach chan aithne do Israel; chan eil mo shluagh‐sa a’ toirt fa‑near.
4Ah, cinneach peacach! Sluagh luchdaichte le aingidheachd#Mat 11:28! Sìol nan daoi! Clann a tha nam milltearan! Thrèig iad an Tighearna, bhrosnaich iad Tì naomh Israeil gu feirg, dh’fhalbh iad air an ais.
5Carson#1:5 no, càit am buailear. a bhuailear sibh nas mò#Ier 2:30? Thèid sibh nas fhaide agus nas fhaide air seachran. Tha an ceann uile tinn, agus an cridhe uile fann.
6O bhonn na coise gu ruig an ceann, chan eil fallaineachd ann; ach lot, agus bruthadh, agus creuchd lobhte; cha do theannaicheadh ri chèile iad, cha do cheangladh suas iad, cha do thaisicheadh le ola iad.
7Tha ur tìr fàs#Deut 28:51, tha ur bailtean air an losgadh le teine; ur fearann, tha coigrich ga ithe suas nur làthair; agus dh’fhàsaicheadh e, mar gum biodh e air a sgrios le sluagh coimheach.
8Agus tha nighean Shioin air a fàgail mar bhothan ann am fìonlios#Tuir 2:6, mar thaigh‐fasgaidh ann an gàrradh chularan, mar bhaile air a theannachadh le naimhdean.
9Mura biodh gun d’fhàg Tighearna nan sluagh iarmad ro‑bheag againn#Tuir 3:22; Ròm 9:29, is ann a bhitheamaid mar Shòdom#Gen 19:24, bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah.
10Cluinnibh facal an Tighearna, O uachdarana Shòdoim; èisdibh ri lagh ar Dè‑ne, a mhuinntir Ghomorrah:
11Ciod e lìonmhorachd ur n‑ìobairtean dhòmhsa#Salm 50:8, etc.; Amos 5:21, 22? deir an Tighearna: tha mi làn de thabhartasan‐loisgte reitheachan, agus de shaill bheathaichean biadhte; ach ann am fuil tharbh, agus uan, agus bhoc ghoibhre, chan eil mo thlachd.
12Nuair a thig sibh gu ur taisbeanadh fhèin ann am làthair‐sa, cò a dh’iarr seo air ur làimh, mo chùirtean‐sa a shaltairt?
13Na tugaibh tabhartas dìomhain uaibh nas mò#Lùc 11:42: tha tùis na gràinealachd dhomh; a’ ghealach ùr, agus an t‑sàbaid, gairm a’ cho‐chruinneachaidh, chan fhaodar leam fhulang; is euceart eadhon an co‑ghairm naomh.
14Ur gealaichean ùra, agus ur fèillean suidhichte, is fuath lem anam#Amos 5:21; tha iad nan eallaich orm; tha mi sgìth den giùlan.
15Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan#Mic 3:4, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala.
16Nighibh#Ier 4:14, glanaibh; cuiribh air falbh olc ur dèanadais as mo shealladh; sguiribh den olc#1 Pead 3:11.
17Fòghlamaibh math a dhèanamh; iarraibh breitheanas; dèanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàraichte; cumaibh còir ris an dìlleachdan; tagraibh cùis na bantraich.
18Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile#Isa 43:26, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd#Salm 51:7; 1 Eòin 1:7; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.
19Ma bhios sibh toileach agus umhail, ithidh sibh toradh math an fhearainn:
20Ach ma bhios sibh eas‐umhail agus ceannairceach, ithear suas sibh leis a’ chlaidheamh; oir labhair beul an Tighearna e#Lebh 26:33.
21Cionnas a dh’fhàs a’ chathair dhìleas na strìopaich#Ier 2:20, 21! Bha i làn de bhreitheanas, bha ionracas a’ gabhail còmhnaidh innte, ach a‑nis mortairean.
22Tha d’airgead air fàs na shalchar#Ier 6:28, 30; Esec 16:15‐59; tha d’fhìon air a mheasgadh le uisge:
23Tha d’uachdarain ceannairceach, agus nan companaich mhèirleach; tha gach aon dhiubh an geall air tìodhlac, agus a’ leantainn dhuaisean; ris an dìlleachdan chan eil iad a’ cumail cothroim, agus cìs na bantraich chan eil a’ teachd nan làthair.
24Uime sin deir an Tighearna, Tighearna nan sluagh, Tì cumhachdach Israeil, Aha! bheir mi fois dhomh fhèin#Deut 28:63; Esec 5:13 a‑thaobh m’eascairdean; dìolaidh mi mi fhèin air mo naimhdean.
25Agus tillidh mi mo làmh ort#Mal 3:3, agus glanaidh mi uat do shalchar gu ro‑ghlan, agus bheir mi air falbh d’uile staoin.
26Agus aisigidh mi do bhritheamhan mar air tùs, agus do chomhairlichean mar a bha iad an toiseach; na dhèidh sin goirear dhìot baile na fìreantachd, a’ chathair dhìleas.
27Saorar Sion ann am breitheanas, agus a muinntir iompaichte#1:27 iadsan a thilleas. ann am#1:27 le. fìreantachd.
28Agus claoidhear luchd‐easaontais agus peacaich maraon#Salm 125:5; Lùc 12:45, 46; agus bidh iadsan a thrèigeas an Tighearna#Seph 1:6 air an caitheamh as.
29Oir gabhaidh iad nàire de na daragan a mhiannaich sibh; agus bidh rudhadh gruaidh oirbh airson nan liosan a roghnaich sibh:
30Oir bidh sibh mar dharaig aig a bheil a duilleach air seargadh, agus mar lios anns nach eil uisge.
31Agus bidh an duine làidir mar asgart, agus a obraiche mar shrad: agus loisgidh iad le chèile cuideachd, agus cha bhi neach ann a mhùchas iad.

Currently Selected:

Isaiah 1: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in