1
Isaiah 1:18
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.
Compare
Explore Isaiah 1:18
2
Isaiah 1:19
Ma bhios sibh toileach agus umhail, ithidh sibh toradh math an fhearainn
Explore Isaiah 1:19
3
Isaiah 1:17
Fòghlamaibh math a dhèanamh; iarraibh breitheanas; dèanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàraichte; cumaibh còir ris an dìlleachdan; tagraibh cùis na bantraich.
Explore Isaiah 1:17
4
Isaiah 1:20
Ach ma bhios sibh eas‐umhail agus ceannairceach, ithear suas sibh leis a’ chlaidheamh; oir labhair beul an Tighearna e.
Explore Isaiah 1:20
5
Isaiah 1:16
Nighibh, glanaibh; cuiribh air falbh olc ur dèanadais as mo shealladh; sguiribh den olc.
Explore Isaiah 1:16
6
Isaiah 1:15
Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala.
Explore Isaiah 1:15
7
Isaiah 1:13
Na tugaibh tabhartas dìomhain uaibh nas mò: tha tùis na gràinealachd dhomh; a’ ghealach ùr, agus an t‑sàbaid, gairm a’ cho‐chruinneachaidh, chan fhaodar leam fhulang; is euceart eadhon an co‑ghairm naomh.
Explore Isaiah 1:13
8
Isaiah 1:3
Is aithne don damh a shealbhadair, agus don asail prasach a maighistir; ach chan aithne do Israel; chan eil mo shluagh‐sa a’ toirt fa‑near.
Explore Isaiah 1:3
9
Isaiah 1:14
Ur gealaichean ùra, agus ur fèillean suidhichte, is fuath lem anam; tha iad nan eallaich orm; tha mi sgìth den giùlan.
Explore Isaiah 1:14