Isaiah 2
2
1 Fàidheadaireachd mu thimcheall rìoghachd Chrìosd. 6 Airson an aingidheachd thrèig Dia taigh Iàcoib. 10 Dh’innseadh don t‑sluagh gun leagar sìos àrdan nan uaibhreach ann an là mòr an Tighearna.
1Am facal a chunnaic Isaiah mac Amois mu thimcheall Iùdah agus Ierusaleim.
2Tàrlaidh anns na làithean deireannach#Mic 4:1, etc. gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan slèibhtean; agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na h‑uile chinnich da ionnsaigh#Salm 2:8.
3Agus thèid mòran shlògh, agus their iad, Thigibh#Ier 31:6; 50:5; Sech 8:21, 23, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, gu taigh Dhè Iàcoib; agus teagaisgidh e sinn ma shlighean, agus imichidh sinn na cheuman; oir o Shion thèid an lagh a‑mach#Lùc 24:47, agus facal an Tighearna o Ierusalem.
4Agus bheir e breith am measg nan cinneach, agus bheir e achmhasan do mhòran shlògh; agus buailidh iad an claidheamhan gu coltairean#Salm 46:9; Hos 2:18, agus an sleaghan gu corrain‐sgathaidh; cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus chan fhòghlaim iad cogadh nas mò.
5O thaigh Iàcoib, thigibh agus imicheamaid ann an solas an Tighearna#Eph 5:8.
6Air an adhbhar sin thrèig thu do shluagh, taigh Iàcoib, a chionn gu bheil iad air an lìonadh on àird an ear, agus nan luchd‐fiosachd#Deut 18:14 mar na Philistich; agus tha an tlachd ann an cloinn choigreach#Neh 13:23.
7Agus tha an tìr air a lìonadh le airgead agus òr#Deut 17:17, agus chan eil crìoch air an ionmhasan; tha an tìr air a lìonadh le eich, agus chan eil crìoch air an carbadan.
8Tha an tìr fòs air a lìonadh le iodhalan; tha iad a’ sleuchdadh do obair an làmh fhèin, don nì sin a rinn am meòir fhèin.
9Agus tha an duine suarach a’ cromadh sìos, agus tha an duine àrd ga ìsleachadh fhèin; agus cha tabhair thusa maitheanas dhaibh.
10Imich a‑steach don charraig#Isa 2:19, 21; Tais 6:15, 16, agus falaich thu fhèin anns an ùir, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd.
11Islichear sealladh uaibhreach an duine mhòir#Isa 5:16; Salm 18:27, agus leagar sìos àrdan nan daoine suarach; agus bidh an Tighearna na aonar air a àrdachadh anns an là sin#Seph 3:11, 16; Sech 9:16.
12Oir thig là Tighearna nan sluagh air gach neach a tha uaibhreach agus àrd, agus air gach neach a tha air a thogail suas, agus leagar sìos e;
13Agus air uile sheudairean Lebanoin#Esec 31:3; Sech 11:1, 2, a tha àrd agus togte suas; agus air uile dharagan Bhasain;
14Agus air na h‑uile bheanntan àrda, agus air na h‑uile chnocan a tha togte suas;
15Agus air gach tùr àrd, agus air gach balla daingnichte;
16Agus air uile longan Tharsis, agus air na h‑uile dhealbhan sgiamhach.
17Agus ìslichear uabhar an duine mhòir#Isa 2:11, agus leagar sìos àrdan nan daoine suarach; agus bidh an Tighearna na aonar air àrdachadh anns an là sin.
18Agus cuiridh e na h‑iodhalan gu buileach air cùl.
19Agus thèid iad a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann an tuill na talmhainn, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach.
20Anns an là sin tilgidh duine iodhalan airgid agus iodhalan òir, a rinn iad, gach aon dha fhèin, gu sleuchdadh dhaibh, a‑chum nam famh agus a‑chum nan ialtag;
21Gu dol a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann am mullaichean nan sgeir, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach.
22Leigibh dhibh ur dùil ri duine#Salm 146:3, 4; Ier 17:5, aig a bheil a anail na chuinneanan; oir ciod am fàth mun gabhar meas#2:22 suim. dheth?
Currently Selected:
Isaiah 2: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017