YouVersion Logo
Search Icon

Dàn Sholaimh 8

8
1 Thug an eaglais gràdh mòr do Chrìosd. 8 Gairm nan cinneach. 14 Ghuidh an eaglais airson teachd Chrìosd.
1Is truagh nach robh thu mar mo bhràthair#Eabh 2:11, 12, a dheoghail cìochan mo mhàthar! Nam faighinn a‑muigh thu, phògainn thu, agus cha dèante tàir orm.
2Threòraichinn thu, bheirinn leam thu do thaigh mo mhàthar, a theagaisgeadh mi; bheirinn ort òl de fhìon spìosrach, de shùgh mo phomgranait.
3Bhiodh a làmh chlì fom cheann, agus bhiodh a làmh dheas timcheall orm.
4Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, air earban agus air èildean na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh gus an àill leis fhèin.
5Cò ise a tha a’ teachd a‑nìos on fhàsach, an taice ri fear a gràidh? Fon chraoibh‐ubhall thog mi suas thu: an sin bha do mhàthair ri saothair ort; an sin bha i ri saothair, rug i thu.
6Cuir mise mar sheula#Isa 49:16; Hag 2:23; 2 Tim 2:19 air do chridhe, mar sheula air do ghàirdean; oir làidir mar am bàs tha an gràdh, an‑iochdmhor mar an uaigh an t‑eud#Gnà 6:34, 35: is èibhlean a teine a èibhlean‐san, lasair ro‑gharg.
7Chan urrainn uisgeachan lìonmhor an gràdh a mhùchadh, agus cha bhàth na tuiltean e. Nan tugadh duine uile mhaoin a thaighe airson gràidh, dhèanadh daoine tàir air gu tur.
8Tha piuthar bheag againn#Esec 23:33, agus chan eil cìochan aice: ciod a nì sinn airson ar peathar, anns an là anns an labhrar ma timcheall?
9Mas balla i, togaidh sinn oirre lùchairt airgid; agus mas doras i, dùinidh sinn suas i le bùird sheudair.
10Bu bhalla mi, agus bha mo chìochan mar thùir; an sin bha mi na shùilean mar aon a fhuair deagh‐ghean.
11Bha fìonlios aig Solamh, ann am Bàal‐hamon#Mat 21:33; dh’earb e am fìonlios ri luchd‐coimhead; bha gach fear gu tabhairt dha, airson a thoraidh, mìle bonn airgid.
12Tha am fìonlios as leamsa fam chomhair: tha am mìle bonn dhutsa, a Sholaimh; agus dà cheud do luchd‐coimhead a thoraidh.
13O thusa a chòmhnaicheas anns na liosan, tha do chompanaich a’ cluinntinn do ghutha; thoir ormsa a chluinntinn.
14Luathaich ort, fhir mo ghràidh#Tais 22:17, 20, agus bi cosmhail ri earban, no ri laogh fèidh air beanntan nan spìosraidh.

Currently Selected:

Dàn Sholaimh 8: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in