Biểu trưng YouVersion
Biểu tượng Tìm kiếm

Laoidhean 11

11
LAOIDH 11
Gnàth‑fhac. 3.13-17
1Cia sona 'n ti do theagasg Dhé!
bheir éisdeachd gach aon uair;
'S ri gliocas nèimh, le mòran tlachd,
philleas gu moch a chluas?
2Is fearr a stòr na 'n t‑ionmhas faoin
a ta san t‑saogh'l gu léir;
'S is luachmhoire a dhuais gu mòr
na òr a' chruinne‑ché.
3Tha saoghal fada 'na làimh dheis
is urram 'na làimh chlì;
Iadsan air fad a bheir dha gràdh,
's leo saoibhreas, slàint', is sìth.
4Do'n òg 'na shlighe fhior‑ghlan réidh
sòlas bheir e gu pailt,
'S do'n aosda bheir e coron glòir,
's tròcair o Dhia gun airc.
5An uair tha dichioll dhaoine mòr,
tha 'dhuais‑san mòr d'a réir:
Do shòlasaibh tha 'shlighe làn;
is sìth a ghnàth 's gach ceum.

Tô màu

Sao chép

So sánh

Chia sẻ

None

Bạn muốn lưu những tô màu trên tất cả các thiết bị của mình? Đăng ký hoặc đăng nhập