Laoidhean 10
10
LAOIDH 10
Gnàth‑fhac. 1.20-31
1An coimhthional nan iomadh slògh,
is anns na ròidibh tiugh',
Ri cloinn nan daoin' tha Gliocas néimh
a' togail suas a ghuth';
2Cia fhad a ni luchd fanoid tàir
air fìrinn 's gràsa Dhé?
'S a bheir sibh, amadana, spéis
d'ur toil mhi‑chéillidh féin?
3Pillibh air m'earails', air 'ur n‑ais,
is bidh sibh sona chaoidh:
Pillibh, 's a chum bhur beannachadh,
mo spiorad bheir mi dhuibh.
4Ach mur toir sibh mo ghuth fa'near,
's mur éisd sibh ri mo ghlaodh:
Tràth ghlaodhas sibhs' an là 'ur n‑airc,
'ur n‑athchuinge bidh faoin.
5Tràth ghlacas léir‑sgrios sibh 'na cuairt,
mar iom‑ghaoth luath nan speur,
Ni mise fanoid air 'ur caoidh,
's 'ur n‑urnigh chaoidh cha'n éisd.
6O'n ròghnaich sibh roimh bheatha bàs,
's éigin gu bràth bhi truagh;
Oir ciod air hith a chuireas neach,
dheth sin ni 'n neach sin buain.
Đang chọn:
Laoidhean 10: LSN1987
Tô màu
Sao chép
So sánh
Chia sẻ
Bạn muốn lưu những tô màu trên tất cả các thiết bị của mình? Đăng ký hoặc đăng nhập
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987