Ròmanaich 12

12
1Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.
2Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
3Oir tha mi ag ràdh, tron ghràs a thugadh dhomh, ris gach neach nur measg, gun smaoineachadh uime fhèin nas àirde na as còir dha smaoineachadh; ach smaoineachadh ann am measarrachd, a rèir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh.
4Oir mar a tha mòran bhall againn ann an aon chorp, agus nach e an t‑aon ghnìomh a tha aig gach ball;
5Amhail sin ged tha sinne nar mòran, is aon chorp ann an Crìosd sinn, agus is buill sinn gach aon fa leth da chèile.
6Uime sin air a bhith de thìodhlacan againn, eadar-dhealaichte a rèir a’ ghràis a thugadh dhuinn; mas fàidheadaireachd, dèanamaid fàidheadaireachd a rèir tomhas a’ chreidimh;
7No mas frithealadh, thugamaid aire dar frithealadh; no an tì a theagaisgeas, thugadh e aire da theagasg;
8No an tì a bheir earail, thugadh e aire da earail: an tì a roinneas an dèirc, roinneadh e i an treibhdhireas; an tì a riaghlas, dèanadh e e le dùrachd; an tì a nì tròcair, dèanadh e e gu suilbhir.
9Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth-leanaibh ris an nì a tha math.
10Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile:
11Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna;
12A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:
13A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd.
14Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn oirbh: beannaichibh, agus na mallaichibh.
15Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.
16Bithibh a dh’aon rùn da chèile. Na biodh ur cion air nithean àrda, ach cuiribh sibh fhèin ann an co‑inbhe riùsan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin.
17Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine.
18Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine.
19A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh.
20Uime sin, ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor, thoir deoch dha: oir le seo a dhèanamh càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann.
21Na toirear buaidh ort leis an olc, ach thoir-sa buaidh air an olc leis a’ mhath.

اکنون انتخاب شده:

Ròmanaich 12: ABG1992

های‌لایت

کپی

مقایسه

به اشتراک گذاشتن

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید