1
Ròmanaich 12:2
Am Bìoball Gàidhlig 1992
ABG1992
Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
مقایسه
Ròmanaich 12:2 را جستجو کنید
2
Ròmanaich 12:1
Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.
Ròmanaich 12:1 را جستجو کنید
3
Ròmanaich 12:12
A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh
Ròmanaich 12:12 را جستجو کنید
4
Ròmanaich 12:21
Na toirear buaidh ort leis an olc, ach thoir-sa buaidh air an olc leis a’ mhath.
Ròmanaich 12:21 را جستجو کنید
5
Ròmanaich 12:10
Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile
Ròmanaich 12:10 را جستجو کنید
6
Ròmanaich 12:9
Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth-leanaibh ris an nì a tha math.
Ròmanaich 12:9 را جستجو کنید
7
Ròmanaich 12:18
Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine.
Ròmanaich 12:18 را جستجو کنید
8
Ròmanaich 12:19
A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh.
Ròmanaich 12:19 را جستجو کنید
9
Ròmanaich 12:11
Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna
Ròmanaich 12:11 را جستجو کنید
10
Ròmanaich 12:3
Oir tha mi ag ràdh, tron ghràs a thugadh dhomh, ris gach neach nur measg, gun smaoineachadh uime fhèin nas àirde na as còir dha smaoineachadh; ach smaoineachadh ann am measarrachd, a rèir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh.
Ròmanaich 12:3 را جستجو کنید
11
Ròmanaich 12:17
Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine.
Ròmanaich 12:17 را جستجو کنید
12
Ròmanaich 12:16
Bithibh a dh’aon rùn da chèile. Na biodh ur cion air nithean àrda, ach cuiribh sibh fhèin ann an co‑inbhe riùsan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin.
Ròmanaich 12:16 را جستجو کنید
13
Ròmanaich 12:20
Uime sin, ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor, thoir deoch dha: oir le seo a dhèanamh càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann.
Ròmanaich 12:20 را جستجو کنید
14
Ròmanaich 12:14-15
Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn oirbh: beannaichibh, agus na mallaichibh. Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.
Ròmanaich 12:14-15 را جستجو کنید
15
Ròmanaich 12:13
A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd.
Ròmanaich 12:13 را جستجو کنید
16
Ròmanaich 12:4-5
Oir mar a tha mòran bhall againn ann an aon chorp, agus nach e an t‑aon ghnìomh a tha aig gach ball; Amhail sin ged tha sinne nar mòran, is aon chorp ann an Crìosd sinn, agus is buill sinn gach aon fa leth da chèile.
Ròmanaich 12:4-5 را جستجو کنید