YouVersion Logo
Search Icon

Tìtus 3

3
LAOIDH 56
Tìtus 3.3-9
3-9 Aidichidh sinn le tùrsa cridh
ro mheud ar ciont, a Dhè,
B' amaideach faoin ar n‑uile smuain,
's cha b' fheàrr ar giùlan gnè.
2 Ach thoir, O m' anam, cliù is gràdh
do àrd‑ainm Rìgh nan sluagh,
Nach d' dh'fhàg thu 'm feast, gun teasairginn,
am peacadh, nàire, 's truaigh.
3 Chan ann tre obair fìreantachd,
no gnìomh ar làmhan fhèin,
Ach tre ghràs Dhè, an Ìosa Crìosd,
a shaorar sinn o phèin.
4 Is ann an tròcair Dhè a‑mhàin,
a tha ar muinighin threun;
A thròcair shaor ar n‑anman truagh,
's ghlan uainn gach ciont is beud.
5 Tha 'n Spiorad dhòirteadh oirnn tre Ìos',
a' nigheadh dhinn gach sal#3.3-9 sal salachar,
A' fadadh teas ghràidh feadh ar cridh,
's gar dèanamh naomha glan.
6 Mar seo, làn‑fhìreanaicht' le gràs;
gach latha le beatha nuaidh
Sìor ghluaisidh sinn, 's an Spiorad leinn,
gu ruig ar n‑oighreachd shuas.
7 Na h‑uile gam bheil shamhail seo
de chreideamh 's dòchas naomh,
Sìor‑dhearbhadh iad, le giùlan maith,
nach eil an dòchas faoin.

Currently Selected:

Tìtus 3: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in