Eabhraich 4
4
LAOIDH 57
Eabh. 4.14-16
14-16 Ìosa Mac Dhè, leig aon uair sìos
a bheath airson a shluaigh,
Tha nis a' tagradh 'n cùis air nèamh
mar shagart treun bheir buaidh.
2 Tre beatha 's bàs sìor‑leanamaid
ri Crìosd gu daingeann dlùth:
O chreideamh 's dòchas gheibh sinn neart
is thèid gach geilt air chùl.
3 Gu borb cha bhuin ri laigse dhaoin'
caomh‑Shagart àrd an àigh#4.14-16 àigh glòir, aoibhneas;
Tha chridhe làn de thruacantachd,
tha anam làn de ghràdh.
4 Co‑fhulangas tha aig an Triath
air iargain#4.14-16 iargain bròn, caoidh 's laigs' a shluaigh;
Oir dh'fhiosraich e na phearsa fhèin
gach deuchainn agus truaigh.
5 Seadh, dh'fhiosraich e na phearsa fhèin,
gidheadh às eugmhais lochd:
Oir nàdar duine ged a ghabh,
cha b' aithne dhàsan olc.
6 Bu tùrsach deurach air ar son,
a chaith e làith fon ghrèin;
'S ge h‑àrd e nis air deas làimh Dhè,
co‑mhothaichidh ar pèin.
7 Le dànachd naomha, uime sin,
thèid sinn gu chathair‑ghràis;
Is fàth#4.14-16 fàth adhbhar gach gearain dòirtidh sinn
na fhianais anns gach càs;
8 A‑chum gun còmhnadh esan leinn
rèir saidhbhireachd a ghràis;
'S gun tugadh e dar n‑anman lag
neart agus fois gu bràth.
LAOIDH 58
Air dhòigh eile
9 San teampall sa bheil Dia na thàmh,
(Taigh nach do thogadh riamh le làimh,)
Tha Sagart àrd a' chinne‑daoin',
Ar Slànaighear 's ar caraid caoin.
10 Esan a sheas an àit a shluaigh,
Dhòirt fhuil na 'n riochd, 's a laigh san uaigh,
Tha cuimhneach orra fòs air nèamh,
An Slànaighear 's an caraid sèimh.
11 Ge h‑àrd e nis sna nèamhan shuas
Tha shùil a' dearcadh oirnn a‑nuas;
Làn sgeadaichte le nàdar dhaoin',
Tha e mion‑eòlach air an saoth'r,
12 Co‑fhulangas tha aige ghnàth.
'S co‑mhothachadh rir n‑uile chràdh;
Tha cuimhn' aig air a thrioblaid fhèin
A dheòir, a ghoimh, is osnaich gheur.
13 Gach dòrainn dh'fhaodas oirnne teachd,
Fo shamhail sin rinn esan gleachd;
Dar n‑uile bhròn tha chuid‑san mòr,
Is bheir e cobhair dhuinn gu leòr.
14 Air 'n adhbhar sin thèid sinn gu dàn
Ler n‑uile ghearan gus a làth'r;
Is guidhidh sinn a chòmhnadh treun
Gar cuideachadh an uair ar feum.
Currently Selected:
Eabhraich 4: LSN1987
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987