YouVersion Logo
Search Icon

2 Timòteus 4

4
LAOIDH 55
2 Tim. 4.6,7,8,18
6-7 Chrìochnaich mi nis mo chath 's mo rèis;
is dlùth dhomh eug is uaigh;
M' anam a choisrig mi do Dhia,
triallaidh gu nèamh le buaidh.
2 Le armachd nèamhaidh chuir mi 'n cath,
fo bhrataich Chrìosd mo Thriath:
Ruith mi mo rèis, mo dhìlseachd dhearbh,
's tha m' earbs à duais om Dhia.
8 Fa m' chomhair‑sa thaisg Dia air nèamh,
gu tèaraint' crùn na glòir;
Chuireas a làmh‑san air mo cheann
air teachd don latha mhòr.
4 Mo Dhia cha d' dh'òrdaich dhòmhsa mhàin
an coron#4.8 coron crùn seo mar dhuais;
Ach do gach neach len ionmhainn teachd
a mhic, o nèamh a‑nuas.
18 O lochd 's o chunnart dìonaidh Crìosd;
mo choimhead nì gach uair;
'S gu tèaraint' m' anam treòraichidh
gu rìogh'chd na glòire shuas
6 Bheir mi, le còmhnadh treun mo Thriath,
dùbhlan do ifrinn fhèin;
Is dhàsan gu robh glòir ro‑àrd
is cliù gu bràth. Amen!

Currently Selected:

2 Timòteus 4: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in