YouVersion Logo
Search Icon

Taisbeanadh 7

7
LAOIDH 66
Taisb. 7.13-17
13-17 Cia deàlrach glòir a' mhaith‑shluaigh ud!
An trusgain ùr cia geal!
Cionnas a thàinig iad gu soills'
's cò dh'ionnlaid dhiubh gach sal#7.13-17 sal salachar?
2 Feuch, siud an dream a ràinig nèamh,
troimh dheuchainn ghairbh is chruaidh,
'S a nigh an trusgain ann am fuil,
fuil ìocshlàinteach an Uain.
3 Nis sleuchdar leotha le glùinean lùbt'
gu h‑umh'l aig cathair Dhia;
'S le anman cràbhach molaidh iad
a mhòrachd feadh gach ial.
4 Gach cridh bidh ait le làth'reachd Dhè,
's gach beul am fonn gu seinn;
Co‑fhreagraidh 'n teampall naomh gach tràth
dhan àrd Hosana bhinn.
5 Acras no tart cha chlaoidh an sin,
no boilsge loisgeach grèin;
'S e Dia an grian, 's o dheàlradh caomh,
sìor‑sgaoilidh latha an cèin.
6 Stiùiridh an t‑Uan a naomh‑threud fhèin
gu tobar slàint' nach tràigh;
Is tiormaichidh gu bràth on gruaidh
deur truaighe, bròin is cràidh.

Currently Selected:

Taisbeanadh 7: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in