YouVersion Logo
Search Icon

Taisbeanadh 21

21
LAOIDH 67
Taisb. 21.1-9
1-9Nach glòrmhor àrd an sealladh seo,
chithear le sùilean dhaoin'!
Am fonn 's an fhairge gabhail seach,
's na speuran sean maraon.
2 O nèamh thig Nuadh Ierusalem,
làn ullaichte dha Rìgh;
Feuch nis gach nì ath‑nuadhaichte;
is fhuair sinn àgh#21.1-9 àgh aoibhneas, sonas gu sìor.
3 Cliù seinnidh ainglean coimheadachd,
is armailt fhlathail nèimh.
Feuch, chì gach sùil a' chathair‑rìgh
air an suidh Ìosa fhèin.
4 Dh'atharraich#21.1-9 Dh'atharraich ghluais Dia chum dhaoin' a‑nuas
a phàillean uasal naomh:
Le daoin' tha chòmhnaidh; 's iad a shluagh;
's dha shluagh 's e 'n tèarmann caomh.
5 Deur mulaid siabaidh e le làimh
gu càirdeil bhàrr an gruaidh;
Is eugaidh#21.1-9 eugaidh bàsaichidh eagal, caoidh, is cràdh,
is àmhghar, bàs is uaigh.
6 Feuch, gach nì saoghalt' caochlaidh mi!
seo deir#21.1-9 deir their, canaidh an Rìgh sìor‑bheò;
An domhan às an amharc thèid,
's cha ruith ùin fhèin nas motha.
7 'S mi 'n ciad neach, 's an neach deireannach,
gun ath'rrachadh, gu bràth;
Atàim#21.1-9 Atàim Tha Mi (ainm Dhè): seo m' ainm 's mo chuimhneachan
air feadh gach linn gu bràth;
8 Do dhaoine bheir mo ghràsa pailt
nì maith, gun luach, gu saor;
O dhuine thartmhoir, òl do dhìol#21.1-9 dhìol fòghnadh
den ìocshlàint seo nach traogh.
9 Don tì bheir buaidh air eusaontas,
bheir mise oighreachd mic;
Is aidichidh mi 'n lath'r gach sluaigh,
a ghluasad naomha glic.
10 Ach daoine neòghlan 's breugairean
's luchd‑muirt thug spèis do bhàs,
Le mheud 's a dhiùlt gu h‑amaideach
mo ghràs, le fanaid 's tàir;
11 Nam fhianais tilgear fada sìos,
an cuibhreich shìorraidh chruaidh,
Gu builsgean fairge lasaraich,
sam faigh iad peanas buan.
12 O bitheam‑sa air deas làimh Chrìosd,
tràth dhìobras fonn is cuan;
Is faigheam fàilte uaith air m' ainm
gu sonas ana‑mhòr#21.1-9 ana‑mhòr air leth mòr buan.

Currently Selected:

Taisbeanadh 21: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in