Taisbeanadh 5
5
LAOIDH 65
Taisb. 5.6-14
6-14 Air cathair rìoghail Athar fhèin,
feuch deàlradh glòir an Uain;
Ùr‑urram deasaichibh dha ainm,
is bi'bh le taing ga luaidh.
2 Feuch, ìosal aig a chasan strìochdt'
tha 'n Eaglais shìorraidh shuas,
Le boltrach cùbhraidh ìobairt thùis
's le clàran#5.6-14 clàran clàrsaichean ciùil ri fuaim.
3 Is iad seo ùrnaighean nan naomh,
's na laoidhean tha iad seinn;
Rin ùrnaigh cromaidh Crìosd a chluas,
don luathghair gabhaidh suim.
4 Rùn dìomhair sìorraidh do thoil naoimh.
O Athair, cò dha 'n lèir?
Cò ach do mhac a leughas sin,
's a dh'fhuasgaileas gach seul!
5 Cluinn armailt nèimh len luathghair ait,
timcheall na cathrach‑rìgh;
Mìlte do mhìltean 's àireamh dhaibh,
ach 's aon a‑mhàin an cridh.
6 'S airidh an t‑Uan, a dh'ìobaireadh,
deir iad, air inbh ro‑àrd!
'S airidh, oir b' e ar n‑ìobairt‑ne,
co‑fhreagradh daoin' 's gach àit!
7 Is airidh an t‑Uan, a strìochd dhan bhàs,
air àgh#5.6-14 àgh aoibhneas, sonas is beannachd buan;
Biodh slàinte, glòir, is aoibhneas àrd
gu bràth air ceann an Uain!
8 O 'r cionta shaor e sinn le fhuil,
's thug bràighde truagh à pèin;
Rinn sagairt 's rìghrean dhinn do Dhia,
gu riaghladh shuas leis fhèin.
9 Às gach aon teangaidh agus tìr,
thional 's thug Crìosd a shliochd;
Gach dùthaich chèin is innis cuain,
fios fhuair air saidhbhreas iochd.
10 'S airidh air gèill 's air ceannsal Crìosd,
air talamh 's nèamh gu bràth;
Is cliù nas fheàrr na 's urrainn daoin',
thugadh naomh‑ainglean dha!
11 Gach neach tha 'g àiteachadh nan nèamh,
no chruinne‑chè a bhos;
Gach dùil air bith, do Rìgh nan sluagh,
seinnibh gach uair gun fhois.
12 An cruthach#5.6-14 cruthach cruthachadh aontaicheadh gu lèir,
thoirt gèill is cliù don Triath,
Tha riaghladh anns na nèamhan shuas,
's don Uan air feadh gach ial#5.6-14 ial uair, àm, linn.
Currently Selected:
Taisbeanadh 5: LSN1987
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987