YouVersion Logo
Search Icon

Taisbeanadh 1

1
LAOIDH 64
Taisb. 1.5-9
5-9 Dhàsan a ghràdhaich anman dhaoin',
's a dhòirt gach braon dhe fhuil,
A‑chum ar cionta ghlanadh uainn,
's ar dèanamh naomh gu tur:
2 Dhàsan rinn sagairt 's rìghrean dhinn,
air feadh gach linn, do Dhia,
Biodh moladh, urram agus gràdh,
gu bràth air feadh gach ial#1.5-9 ial uair, àm, linn.
3 Lìonar gach beul le binn‑cheòl dha,
's gach cridh le teas‑ghràdh caomh.
Air talamh canar moladh dha,
's gu h‑àrd le ainglean naomh.
4 Feuch teachd mhic Dhè air neulan tiugh,
's ro‑ait, le shluagh an latha;
Ach guilidh a luchd‑casgraidh truagh,
le àmhghar is le cràdh.
5 'S tu 'n ciad neach, 's an neach deireannach,
's leat bith gun tùs gun chrìoch;
Maith, glic, is uile‑chumhachdach,
bha tha thu, 's bithidh chaoidh.

Currently Selected:

Taisbeanadh 1: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in