1 Eòin 3
3
LAOIDH 63
1 Eòin 3.1-4
1-4 Feuch, saidhbhreas iongantach a ghràidh
thug Dia ar slàinte dhuinn,
Peacach is truaillidh fòs ged bha,
clann dhàsan rinneadh dhinn.
2 Falaicht' tha 'n t‑urram seo an tràth s',
's ro‑àrd à sealladh dhaoin';
Mar seo air Crìosd e fhèin san fheòil
neo‑eòlach bha an saogh'l.
3 Is àrd ar n‑inbhe cheana 'n seo,
ach 's àirde bhios sinn shuas;
Gidheadh an inbhe sin cha lèir
do neach fon ghrèin san uair s'.
4 Ach 's lèir dhuinn seo, gu faic sinn Dia,
ar Triath, seadh gnùis ri gnùis;
'S gun iompaichear gu choltas sinn
tràth mhosglas sinn on ùir.
5 Gach neach 'g am bheil an dòchas seo
na chòmhradh is na ghnìomh,
Biodh dèidh aig air bhith naomh is glan,
ceart amhail a bha Crìosd.
Currently Selected:
1 Eòin 3: LSN1987
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987