YouVersion Logo
Search Icon

Philipianach 2

2
LAOIDH 52
Philip. 2.7-12
7-12 Sibhse tha ainmichte air Crìosd,
leanaibh gu sìor a cheum;
Nur n‑inntinn is nur comhluadar
bithibh cosmhail ris gu lèir.
2 Cruth 's coltas Dhè ged bha air Crìosd,
's uil ìomhaigh Rìgh na glòir,
Ged b' ionnan nàdar 's inbhe dhaibh,
co‑ionnan air gach dòigh;
3 Gidheadh a mhòrachd chuir e thaobh,
is daonnachd ghabh air fhèin
Chum sinne shaoradh, chuir e sgàil,
rè seal, air àilleachd nèimh.
4 Seadh chrom ar Slànaighear a sìos
gu inbhe ìosal tràill;
Strìochd e don bhàs, seadh bàs na ceust'
an ro‑mhòr pèin is nàir.
5 Feuch dh'àrdaich Dia, air 'n adhbhar sin
an Triath a shaor a shluagh;
Thug e dha rìoghachd thar gach rìgh,
is ainm thar ainm ra luaidh.
6 A‑chum do ainm an Tighearn Ìos'
gun strìochd gach uile ghlùn,
Sna nèamhan shuas, air talamh bhos,
gu h‑urramach 's gu h‑umh'l.
7 Seadh strìochdaidh dhàsan mar an ceudn,
is gèillidh ifrinn shìos:
Gach treubh is teanga 's dùil a th' ann,
aidichidh ainm gu sìor.

Currently Selected:

Philipianach 2: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in