YouVersion Logo
Search Icon

1 Tesalònianaich 4

4
LAOIDH 53
1 Tesal. 4.13-18
13-18 Biodh misneach aig luchd‑muinntir Chrìosd,
tràth chì iad luchd an gaoil
A' dol gu cadal ann an Ìos',
chan i seo crìoch an sao'il.
2 Carson, ma‑thà, bhios sibh ri bròn,
mar dhream gun dòchas mòr;
Am bheil sa bhàs ach teachdair sìth
gan gairm gu rìogh'chd na glòir?
3 Mar chaochail Crìosd 's mar dhùisg e suas
le buaidh o staid a' bhàis:
Is amhlaidh dh'èireas fòs a shluagh
le luathghair latha a' bhràth#4.13-18 latha a' bhràth latha a' bhreitheanais.
4 O thig an latha san tùirling#4.13-18 tùirling teirinn, tig sìos Crìosd,
le h‑iolaich, o na neòil,
Le guth Àrd‑aingil 's fuaim na truimb#4.13-18 truimb cruth ginideach airson tromb, trombaid,
a chluinn#4.13-18 chluinn goirid airson chluinneas gach marbh is beò.
5 'N sin ath'rraichear an dream tha beò,
's dùisgear na slòigh tha marbh;
Liubhraidh gach uaigh na fhuair i fhèin,
's bidh slèibht' air chrith gu garbh.
6 Èiridh na naoimh a suas air tùs,
on ùir le h‑aoibhneas mòr;
Nì ainglean Dhè an coinneachadh,
's an togail leotha gu glòir.
7 Le chèile thèid iad suas gu h‑ait,
gu taigh an Athar chaoimh,
'S am faigh iad còmhnaidh shìor len Triath,
gun iargain#4.13-18 iargain bròn is gun chlaoidh.
8 Fòs tamall beag, is ruigidh sinn
an caladh ait fa‑dheòidh,
San coinnich sinn na sgaradh uainn,
's cha dealaich sinn nas motha.

Currently Selected:

1 Tesalònianaich 4: LSN1987

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in