YouVersion Logo
Search Icon

2 Corintianach 5

5
LAOIDH 51
2 Cor. 5.1-11
1-11 Grad‑thuitidh 'n corp seo sìos don ùir
na smùr fo chumhachd bàis
Ach gheibh ar n‑anman còmhnaidh 's fheàrr,
gu h‑àrd le Dia nan gràs:
2 Gheibh anman naomh an còmhnaidh 'n sin
san taigh a thog dhaibh Dia;
Tràth shaorar iad on phrìosan thruagh,
sa bheil an cuairt rè cian.
3 Dar n‑uallach talmhaidh sgìth, mar seo
's tric thairngear osna leinn;
Ach saoraidh 'm bàs gu caomh sinn uaith,
is dhachaidh suas thèid sinn.
4 Oir tha ar n‑earbs à taigh as fheàrr,
tràth dh'fhàgas sinn a' chrèadh;
Chan e bhith rùisgt' ach sgeadaichte
ri bheil ar dùil 's ar miann.
5 Seo dòchas ait nan anman naomh
on Slàn'ear caomh an tràth s',
A thug an Spiorad dhaibh maraon,
mar sheul is eàrlais gràidh.
6 Sìor‑ghluaisidh sinn le creideamh beò,
an gealladh glòrmhor Dhia#5.1-11 'Dhè' (ginideach) a bhiodh air a chleachdadh ann an suidheachadh mar seo gu h‑àbhaisteach, ach tha 'Dhia' air a chleachdadh airson co‑fhreagairt ri fuam an fhacal a tha tighinn dà loidhne air thoiseach: 'Triath';
'S bidh sinn, rè fad ar cuairt sa chorp,
ag osnaich 'n dèidh ar Triath.
7 Nas ait ler n‑anman fhaotainn 's fad,
's ro‑fhada leinn e uainn;
Air imrich b' ait leinn dol on fheòil,
's ar còmhnaidh fhaotainn shuas.
8 Ach anns a' chorp, no às a' chorp,
an seo no 'n sin gum bi,
Sinn fhèin thoirt suas do sheirbheis Dhè,
's e seo ar miann gu sìor.
9 Chum cathair‑bhreitheanais Mhic Dhè,
feuch, thèid gach uile neach;
A dh'fhaotainn pèin no tuarastail,
mar thoill iad uaith fa seach.
10 Breith chothromach neo‑chlaon an sin
gheibh deagh‑ghnìomh agus lochd;
'S bidh cor gach neach gu sìorraidh, rèir
a bheus, mas maith no olc.

Currently Selected:

2 Corintianach 5: LSN1987

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in