2 Peadar 3
3
LAOIDH 62
2 Pead. 3.3-14
3-14 Feuch anns na làithean deireannach
suas èiridh gineal olc;
Dham miannan peacach bheir iad srian#3.3-14 srian smachd (gu lit. acainn eich)
's nam briathran their mar seo:
2 Càit bheil an gealladh thuirt o shean
gun robh am britheamh dlùth?
O linn ar sinnsear gus a seo,
chan fhaic sinn gnè de mhùth#3.3-14 mhùth atharrachadh.
3 Tha bliadhn' air bhliadhna ruith gun tàmh,
mar bha o thùs an t‑sao'il:
'S mar thonn air tuinn a' ruith gu tràigh,
gu bràth bidh gineal dhaoin'.
4 Seo deir#3.3-14 deir their, canaidh iad, aineolach dhan deòin
gun d' dhòirteadh tuil a‑nuas,
A sgrios an saoghal ceannairceach
a chaidh air seachran truagh.
5 Ach sgrios nach ionnan gheibh an saogh'l s'
's na daoine olc a th' ann;
Le teine lasrach millear iad,
's is geàrr gu ruig an t‑àm.
6 Ge fada leis na naoimh an ùin,
's an dùil ri teachd an Triath,
Na shealladh‑san is ionnan latha
is linn, no mìle bliadhn'.
7 Cha dìochuimhn' geallaidh rug ar Crìosd,
ach gaol bhith 'n sìth ri daoin';
A' feitheamh dh'fheuch am tillear leotha,
's an iarr iad tròcair chaoin.
8 Gidheadh mar ghadaich anns an oidhch
nach cùm na croinn a‑mach,
Grad‑thuirlingidh an Triath a‑nuas,
's thig fuathas air gach neach.
9 Le tàirneanaich 's le dealan speur.
na nèamhan teichidh às;
Na dùilean leaghaidh, 's thèid an saogh'l
na chaoirean#3.3-14 chaoirean craos‑teine, èibhlean le dian theas.
10 On thèid gach nì mar seo a sgrios.
mar fhuair sinn fios o Dhia.
Nach iomchaidh dhuinne deasachadh
fa chomhair teachd ar Triath.
11 Cia naomh bu chòir dhuinn bhith gach uair
nar smuain, nar cainnt, 's nar gnìomh.
Nuair tha ar sùil ri crìch an t‑saogh'l
's ri caochladh gach aoin nì?
Currently Selected:
2 Peadar 3: LSN1987
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987