YouVersion Logo
Search Icon

Romanaich 9

9
IX. CAIB.
Speis an ostail do na h-Iudhaich: gum beil tagha Dhe saor, ʼsa dol nas fhaide na an cinneadh aca-san.
1Tha mi labhairt na firinn ann an Criosta, ʼs cha bhriag, mo chogais a togail fianuis domh anns an Spiorad Naomh:
2Gum beil duilichinn mhor orm agus bron daonnan na mʼ chridhe.
3Oir dhuraiginn mi fhein a bhith na mʼ anathema bho Chriosta air son mo bhraithrean, mo dhaimhich a reir na feola,
4A tha ʼnan Isralaich, leis an leis uchd-mhacachd cloinne, agus a ghloir, agus an tiomnadh, agus toirt seachad an lagha, agus an umhlachd, agus na geallaidhnean;
5Is leo na h-aithrichean, agus bhuapa tha Criosta a reir na feola, a tha fos cionn gach ni, Dia a tha beannaichte a chaoidh. Amen.
6Cha n-e gun dʼ fhailnich facal De. Oir cha n-Isralaich iad uile, a tha bho Israel:
7Cha mhua a tha iadsan uile ʼnan cloinn, a tha de shiol Abrahaim: Ach ann an Isaac gairmear do shiol:
8Se sin, nach iad clann na feola, a tha ʼnan cloinn do Dhia: ach gur iad clann a ghealltanais, a mheasar mar shiol.
9Oir se so facal a ghealltanais: A reir an ama so thig mi; us bithidh mac aig Sara.
10Agus cha n-ise a mhain: ach Rebecca cuideachd, a ghin dithis comhla bho ʼr n-athair Isaac.
11Oir mun dʼ rugadh fhathast a chlann, no mun dʼ rinn iad math no olc (los gun seasadh run Dhe air reir an taghaidh),
12Cha n-ann as leth oibrichean, ach as a leth-san a ghairm, a chaidh a radh rithe:
13 Ni am fear is sine seirbhis do ʼn fhear is oige, mar tha e sgriobhte: Thug mi gradh do Iacob, us fuath do Esau.
14Ciod a their sinn ma ta? Am beil anaceartas ann an Dia? Fad bho sin.
15Oir tha e g-radh ri Maois: Ni mi trocair airsan dha ʼm beil mi trocaireach; us fiachaidh mi iochd dhasan dha ʼn dian mi trocair.
16Mar sin cha n-ann bhuaithse leis an toil, no bhuaithsan a ruitheas, ach bho Dhia a tha fiachuinn trocaire.#9.16 IX. 16. Cha n-ann bhuaithse leis an toil&c. Se sin le chomas ʼs le neart fhein as easbhuidh grasan De.
17Oir tha ʼn Sgriobtur a g-radh ri Pharao: ʼSann as leth so fhein a thog mi suas thu los mo chumhachd a thaisbeanadh unnad, ʼs mʼ ainm a bhith air a luaidh air feadh an t-saoghail uile.#9.17 IX. 17. ʼSann as leth so fhein, &c. Cha n-e gun do thog Dia suas e, a dhʼ aon mhathas, los gum peacaicheadh e, ʼs gum biodh e mar sin caillte; ach a faicinn roimh laimh a ragmhuinealais sa pheacadh, ʼs mar mhi-bhuilich e a shaor-thoil, thog Dia suas e gu bhith ʼna righ cumhachdach, los a dhianamh ʼna bhall-sampuill nas sonraichte, ʼs gum biodh a chumhachd fhein nas mua air aire, ʼsa cheartas ʼna bhreitheanas air fhoillseachadh air feadh an domhain gu h-iomlan.
18Mar sin tha e fiachuinn trocair dhasan a ʼs aill leis, us esan a ʼs aill tha e cruadhachadh.#9.18 IX. 18. tha e cruadhachadh. Cha n-ann le bhith ʼna aobhar no ʼna ughdair peacaidh dha, ach le cion buileachadh a ghrasan air, ʼs mar sin le fhagail ʼna pheacadh mar pheanas air a sheann eucoirean.
19Their thu ma ta rium: Car-son ma ta a tha e faighinn coire? Oir co a bhacas a thoil?
20O dhuine, co thusa gum freagradh tu Dia? An abair an ni dealbhte ris-san a dhealbh e: Car-son a rinn thu mar so mi?
21No as an aon mheall chreadha nach eil e an comas a chriadhadair aon saghach a dhianamh gu onair, agus saghach eile gu as-onair?
22Ciod ma tha Dia, an deigh dha cur suas gu ro fhaighidneach ri saghaichean feirge, uidheamaichte gu sgrios, deonach air a chorruich a nochdadh; ʼsa chumhachd a dhianamh aithnichte,
23Los saibhreas a ghloire fhiachuinn air saghaichean na trocaire, a dheasaich e gu gloir?
24Seadh gu dearbh sinne, a ghairm e cha n-e de na h-Iudhaich a mhain, ach de na cinnich cuideachd,
25Mar tha e g-radh ann an Osé: Riusan, nach bu phobull domh, their mi mo phobull; agus ribhse nach bʼ annsa leam, annsachd; us rithse nach dʼ fhuair trocair, ise a fhuair trocair.
26 Us tachraidh, anns an aite far an deach a radh riu: Cha sibh mo phobull, an sin theirear riu mic an De bheo.
27Agus tha Isaias a g-eigheach mu Israel: Ged a bhitheadh aireamh chlann Israil mar ghainmhich na fairge, se fuigheall a bhios sabhailte.
28 Oir criochnaichidh e fhacal ga ghiorrachadh ann an ceartas: a chionn ni an Tighearna facal goirid air talamh:
29ʼS mar a thuirt Isaias roimh laimh: Mur biodh Tighearna nam feachd air siol fhagail againn, dhianteadh sinn mar Shodom, us bhithemid coltach ri Gomorra.
30Ciod ma ta a their sinn? Gun do ghlac na cinnich, nach robh leantuinn ceartais, ceartas, seadh, an ceartas sin a tha bho chreideamh.
31Ach nach dʼ rainig Israel, le lagh a cheartais a leanail, air lagh a cheartais.
32Car-son? a chionn nach ann bho chreideamh, ach mar gum bʼ ann bho oibrichean a shir iad e: oir thuislich iad air a chloich-thuislidh.
33Mar tha e sgriobhte: Seall, cuiridh mi clach-thuislidh ann an Sion, us carraig sgainneil; agus co sa bith a chreideas ann, cha naraichear e.

Currently Selected:

Romanaich 9: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in