YouVersion Logo
Search Icon

Romanaich 8

8
VIII. CAIB.
Cha n-eil diteadh dhaibh-san a chaidh a naomhachadh le Criosta, ʼs nach eil a g-imeachd a reir na feola, ach a reir an spioraid: tha iad sin lan de dhochas ʼs de ghaol De.
1Uime sin cha n-eil a nis diteadh idir dhaibhse, a tha ann an Iosa Criosta, ʼs nach eil a g-imeachd a reir na feola.
2Oir shaor lagh spiorad na beatha ann an Iosa Criosta mise bho lagh a pheacaidh agus a bhàis.
3Oir an ni bu neo-chomasach do ʼn lagh, a thaobh gun robh e lag tromh ʼn fheoil, Dia a cur a Mhic fhein an riochd feola peacaich, agus de ʼn pheacadh dhit e am peacadh san fheoil,
4A los gum biodh naomhachd an lagha air a coimhlionadh unnainne, nach eil a g-imeachd a reir na feola, ach a reir an spioraid.
5Oir iadsan, a tha air reir na feola, tha an aire leagte air nichean na feola: ach iadsan, a tha air reir an spioraid, tha an aire leagte air nichean spioradail.
6Oir is bàs gliocas na feola: ach is beatha agus sith gliocas an spioraid.
7A chionn gum beil ghocas na feola ʼna namhaid do Dhia: oir cha n-eil e striochdte do lagh Dhe, ʼs cha mhua is urrainn da bhith.
8Iadsan ma ta a tha anns an fheoil cha n-urrainn daibh Dia a thoileachadh.
9Ach cha n-eil sibhse san fheoil, ach san spiorad, ma se ʼs gum beil Spiorad De a tamh unnaibh. A nis neach air bith aig nach eil Spiorad Chriosta, cha leis-san e.
10Agus ma tha Criosta unnaibh, tha ʼn corp gu dearbh marbh as leth a pheacaidh; ach tha an spiorad beo as leth naomhachd.
11ʼS ma tha Spiorad-san, a thog Iosa bho na mairbh, a tamh unnaibh: beothaichidh esan, a thog Iosa Criosta bho na mairbh, ur coluinnean bàsmhor-sa cuideachd, as leth a spioraid-san, a tha tamh unnaibh.
12Air an aobhar sin, a bhraithrean, cha n-eil sinn fo fhiachaibh do ʼn fheoil, gus ar caithe-beatha a bhith a reir na feola.
13Oir ma bhios ur caithe-beatha a reir na feola, gheobh sibh bàs: ach ma chlaoidheas sibh leis an spiorad gniomhran na feola, bithidh sibh beo.
14Oir a mhiad ʼsa tha air an stiuradh le Spiorad Dhe, is mic do Dhia iad.
15Oir cha do ghlac sibh spiorad na daorsa rithist le eagal, ach ghlac sibh spiorad uchd-mhacachd cloinne, leis an eigh sinn: Abba (Athair).
16Oir tha an Spiorad fhein a toirt teisteanais do ʼn spiorad againne, gur sinn mic Dhe.
17Agus ma ʼs mic, oighreachan cuideachd: oighreachan Dhe gu dearbh, us co-oighreachan Chriosta: ach ʼsann ma dhʼ fhuiligeas sinn maille ris, a theid ar glorachadh maille ris.
18Oir tha mi a measadh nach fhiach fulangasan na h-aimsir so an samhlachadh ris a ghloir ri tighinn, a thaisbeanar unnainn.
19Oir tha duil a chreutair a feitheamh ri taisbeanadh mic Dhe.
20Oir thugadh air a chreutair geilleadh do dhʼ fhaoineis, cha n-ann le dheoin, ach air a shonsa, a thug air geilleadh an dochas:
21A chionn ʼs gun saorar an creutair fhein bho sglamhachd na truailleachd, gu saorsa gloir chlann Dhe.
22Oir tha fios againn gum beil a h-uile creutair a g-osnaich ʼs an cradh mar ri saothair-chloinne gu ruig so.
23Agus cha n-e mhain esan, ach sinn fhein mar an ciadna, aig a bheil ciad-thoradh an spioraid; tha sinne cuideachd a g-osnaich unnainn fhein, a feitheamh ri uchd-mhacachd mic Dhe, saorsa ar coluinne.
24Oir tha sinn air ar sabhaladh le dochas. Ach an dochas a chithear, cha dhochas e: oir na tha duine a faicinn, cʼ uime tha dochas aige ris?
25Ach ma tha dochas againn ris an ni nach leir dhuinn, tha sinn le faighidin a feitheamh air a shon.
26Tha an Spiorad fhein mar an ciadna a cuideachadh ar laigse: oir cha n-aithne dhuinn, ciod air son a ghuidheadh sinn mar is còir: ach tha an Spiorad fhein a g-achanaich air ar son le ospagan nach gabh innse.
27Agus is aithne dhasan, a tha rannsachadh nan cridheachan, ciod a tha an Spiorad a sireàdh: a chionn gum beil e g-iarraidh air son nan naomh a reir Dhe.
28Agus tha fhios againn, gum beil a h-uile ni a co-oibreachadh gu leas dhaibh-san, a tha toirt gaoil do Dhia, dhaibh-san a ghairmeadh gu bhith ʼnan naoimh a reir a bheachdsa.
29Oir an fheadhainn a roimh-dhʼaithnich e, iad sin roimh-dhʼorduich e, gu bhith air an dealbhadh an coltas iomhaigh a Mhic, gus e bhith ʼna chiad-ghin am measg moran bhraithrean.
30ʼS an fheadhainn a roimh-dhʼorduich e, iad sin ghairm e; ʼs an fheadhainn a ghairm e, iad sin naomhaich e; ʼs an fheadhainn a naomhaich e, iad sin ghloraich e.
31Ciod a their sinn ma ta ris na nichean so? Ma tha Dia leinn, co bhios ʼnar n-aghaidh?
32Esan nach do chaomhainn a Mhac fhein, ach a liubhair seachad e air ar son uile, ciamar nach tug e dhuinn a h-uile ni maille ris?
33Co chuireas coire as leth daoine taghte Dhe? Dia a tha gan naomhachadh.
34Co e a dhiteas? Iosa Criosta, a fhuair bàs, seadh, a dhʼ eirich a rithist, a tha air deas laimh Dhe, a tha dianamh eadar-ghuidhe air ar son.
35Co uime sin a sgaras sinne bho ghaol Chriosta? An e trioblaid? no airc? no gorta? no lomnochd? no gabhadh? no geur-leanmhuinn? no an claidheamh?
36(Mar tha e sgriobhte: Air do shonsa thathas ga ʼr cur gu bàs fad an latha: thathas a sealltuinn oirnn mar chaoraich air son na casgairt.)
37Ach tha sinn a toirt buaidh anns na nichean sin uile, as a leth-san a thug gradh dhuinn.
38Oir tha mi cinnteach nach urrainn bàs no beatha, no ainglean, no prionnsachdan, no cumhachdan, no nichean a tha lathair, no nichean ri tighinn, no neart,
39No airde, no doimhne, no creutair sam bith eile sinne sgaradh bho ghradh Dhe, a tha ann an Iosa Criosta ar Tighearna.

Currently Selected:

Romanaich 8: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in