YouVersion Logo
Search Icon

Romanaich 10

10
X. CAIB.
Se creidsinn ann an Criosta is crioch do ʼn lagh; le diultadh striochdadh dha so, cha n-urrainn do na h-Iudhaich ruighinn air ceartas.
1A bhraithrean, tha run mo chridhe gu dearbh, agus mʼ achanaich ri Dia air an son, iad a bhith sabhailte.
2Oir tha mi toirt teisteanais dhaibh, gum beil eud Dhe unnta, ach cha n-ann a reir eolais.
3Oir aineolach air ceartas De agus a sireadh an ceartais fhein a chur air bonn, cha do striochd iad iad fhein do cheartas De.
4Oir se Criosta crioch an lagha, gu ceartas do ʼn h-uile h-aon a chreideas.
5Oir sgriobh Maois, gum bi an duine, a ni an ceartas a tha bho ʼn lagh, beo leis.
6Ach mu ʼn cheartas a tha bho chreideamh, tha e labhairt mar so: Na abair ann do chridhe: Co theid suas gu neamh? se sin, gu Criosta thoirt a nuas.
7 No co theid sios do ʼn aibheis? se sin, gu Criosta thoirt air ais bho na mairbh.
8Ach ciod a tha an sgriobtur a g-radh? Tha am facal teann ort, ann do bhial, agus ann do chridhe: se so facal a chreidimh, a tha sinn a searmonachadh.
9A chionn, ma dhʼ aidicheas tu le dʼ bhial an Tighearna Iosa, ʼs ma chreideas tu le dʼ chridhe gun do thog Dia e bho na mairbh, bithidh tu sabhailte.
10Oir leis a chridhe creidear gu ceartas: ach leis a bhial aidichear gu sabhaladh.
11Oir tha an Sgriobtur a g-radh: Co sa bith a chreideas annsan cha naraichear e.
12Oir cha n-eil eadar-dhealachadh eadar Iudhach us Greigeach: oir is ionann Tighearna nan uile, saibhir dhaibh-san uile a ghairmeas air.
13 Oir gach neach a ghairmeas air ainm an Tighearna, bithidh e sabhailte.
14Ach ciamar a ghairmeas iad air-san anns nach do chreid iad? No ciamar a chreideas iad annsan mu nach cual iad? Us ciamar a chluinneas iad gun shearmonaiche?
15Agus ciamar a shearmonaicheas iad, mur teid an cur? mar tha e sgriobhte: Nach boidheach casan luchd-teagaisg soisgeul na sithe, luchd-teagaisg nichean matha!#10.15 X. 15. mur teid an cur? Tha dearbhadh soilleir an so an aghaidh an luchd-teagaisg ùir, a ghabh uile orra fhein driachd phearsachan-eaglaise gun ordugh laghail bho na h-ostail ris an tuirt Criosta, Eoin 20.21. Mar chuir an t-Athair mise, tha mise ga ʼr cur-sa.
16Ach cha n-eil iad uile umhailt do ʼn t-soisgeul. Oir tha Isaias a g-radh: A Thighearna, co chreid ga ʼr n-eisdeachd-ne?
17Uime sin tha creideamh bho eisdeachd, agus an eisdeachd tromh fhacal Chriosta.
18Ach tha mi g-radh: Nach cual iad? Chuala gu dearbh, chaidh am fuaim a mach air feadh an t-saoghail gu leir, ʼs am briathran gu iomall a chruinne-ché.
19Ach tha mi g-radh: An e nach bʼ aithne do Israel? Tha Maois an toiseach a cantuinn: Brosnaichidh mi gu eud sibh le feadhainn nach eil ʼnan cinneadh: us le cinneadh aimideach cuiridh mi fearg oirbh.
20Ach tha Isaias a gabhail danadais, ʼsa g-radh: Fhuaireadh mi leo-san nach robh gam shireadh: us nochd mi mi fhein gu follaiseach dhaibh-san nach robh farraid air mo shon.
21Ach tha e g-radh ri Israel: Fad an latha shìn mi mach mo lamhan do phobull nach eil a creidsinn, ʼsa tha cur am aghaidh.

Currently Selected:

Romanaich 10: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in