Ghalatia 6
6
VI. CAIB.
Tha e gam brosnachadh gu carrantachd, gu irioslachd, &c.; cha n-eil e a gabhail uaill á ni air bith ach á crois Chriosta.
1Agus, a bhraithrean, ma ghlacar duine ann an coire air bith, sibhse, a tha spioradail, teagaisgibh a leithid ann an spiorad na ciuineachd, a sealltuinn riut fhein, eagal gum bi thu fhein cuideachd air do bhuaireadh.
2Giulainibh eallaichean a cheile, agus mar sin coimhlionaidh sibh lagh Chriosta.
3Oir ma shaoileas duine gur rudeigin e fhein, ʼs gun ann ach neoni, tha e ga mhealladh fhein.
4Ach dearbhadh gach aon ʼobair fhein, agus mar sin bithidh uaill aige ann fhein a mhain, ʼs cha n-ann an neach eile.
5Oir giulainidh gach aon eallach fhein.
6Agus roinneadh esan, a thathas a teagasg san fhacal, ris-san a tha ga theagasg, anns a h-uile ni math.
7Na bithibh air ur mealladh: cha dianar fanaid air Dia.
8Oir na dearbh nichean a chuireas duine, ʼsiad a bhuaineas e. Oir am fear a chuireas ʼna fheoil, bho ʼn fheoil buainidh e truailleachd: ach am fear a chuireas san spiorad, bho ʼn spiorad buainidh e a bheatha shiorruidh.
9Agus na failnichemid ann am math dhianamh: oir, mur failnich, buainidh sinn ʼna thrath.
10Uime sin fhad ʼsa tha uine againn dianamaid math do dhaoine uile, ach gu sonraichte dhaibh-san, a tha de theaghlach a chreidimh.
11Faicibh ciod an litir a sgriobh mi h-ugaibh le mʼ laimh fhein.
12Oir a mhiad ʼsa tha sireadh toileachadh a thoirt san fheoil, tha iad a toirt oirbh a bhith air ur timchioll-ghearradh, a mhain gus nach fuilig iad geur-leanmhuinn air son crois Chriosta.
13Oir cha n-eil iadsan fhein, a tha air an timchioll-ghearradh, a cumail an lagha: ach is aill leo sibhse a bhith air ur timchioll-ghearradh, gus iad a dhianamh uaille as ur feoil.
14Ach fad bhuamsa uaill a dhianamh á ni air bith, ach á crois ar Tighearna Iosa Criosta, leis na cheusadh an saoghal dhomhsa, agus mise dha ʼn t-saoghal.
15Oir ann an Iosa Criosta cha n-eil leas air bith anns an timchioll-ghearradh, no anns an neo-thimchioll-ghearradh, ach ann an creutair ùr.
16Agus co sa bith a leanas an riaghailt so, sith dhaibh agus trocair, ʼs do Israel Dhe.
17A so suas na cuireadh duine sa bith dragh orm: oir tha mi giulan athailtean an Tighearna Iosa na mʼ chorp.
18Gun robh grasan ar Tighearna Iosa Criosta maille ri ʼr spiorad, a bhraithrean. Amen.
Currently Selected:
Ghalatia 6: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017