YouVersion Logo
Search Icon

Ghalatia 5

5
V. CAIB.
Tha e gam brosnachadh gu seasamh ann an saorsuinn chriostail; toradh na feola, agus toradh an spioraid.
1Seasaibh daingeann, ʼs na bithibh air ur cumail a rithist fo chuing na sglamhachd.
2Seall, tha mise Pol a g-innse dhuibh, ma bhios sibh air ur timchioll-ghearradh, nach dian Criosta a bheag de stà dhuibh.
3Agus tha mi dianamh fianuis a rithist do gach aon a tha ga thimchioll-ghearradh fhein, gum beil e mar fhiachaibh air an lagh uile a chumail.
4Rinneadh sibhse, a tha air ur naomhachadh anns an lagh, falamh de Chriosta; thuit sibh bho ghrasan.
5Oir tha sinne san spiorad a feitheamh tromh chreideamh ri dochas a cheartais.
6Oir ann an Iosa Criosta, cha leasaich timchioll-ghearradh, no neo-thimchioll-ghearradh a bheag, ach creideamh a dhʼ oibricheas tromh charrantachd.
7Ruith sibh gu math: co bhac sibh bho sthriochdadh do ʼn fhirinn?
8Cha n-eil a chomhairle so bhuaithe-san, a tha gu ʼr gairm.
9Goirtichidh beagan de thaois-ghoirt am meall uile.
10Tha mi g-earbsa asaibh san Tighearna nach atharraich sibh aiteal dhe ʼr beachd: ach thig breitheanas air-san, ge bith e, a tha cur bruaidlein oirbh.
11Ach, a bhraithrean, ma tha mise fhathast a teagasg an timchioll-ghearraidh, car-son tha mi fhathast a fulang geur-leanmhuinn? Tha sgainneal na croise a reir sin gun bhrigh.
12Bʼ fhearr leam gun robh iadsan, a tha gu ʼr cur troimh-cheile, air an sgathadh as.
13Oir ghairmeadh sibhse, a bhraithrean, gu saorsuinn; a mhain na dianaibh ur saorsuinn ʼna h-aobhar do ʼn fheoil, ach le carrantachd an spioraid freasdalaibh air a cheile.
14Oir tha an lagh uile air a choimhlionadh anns an aon fhacal so: Bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein.
15Ach ma bhios sibh a cagnadh sa g-ithe a cheile, thugaibh an aire nach cuir sibh as do gach a cheile.
16Ach tha mise g-radh: Imichibh a reir an spioraid, ʼs cha chuir sibh an gniomh ana-miannan na feola.
17Oir thaʼn fheoil a miannachadh an aghaidh an spioraid: ʼs an spiorad an aghaidh na feola: oir tha iad so an aghaidh a cheile, air sheol ʼs nach iad na nichean is math leibh, a tha sibh a dianamh.
18Ach ma tha sibh air ur stiuradh leis an spiorad, cha n-eil sibh fo ʼn lagh.
19A nis tha oibrichean na feola soilleir; agus is iad striopachas, neo-ghloine, mi-stuaim, druis,
20Iodhol-aoradh, buidseachd, gamhlas, consachadh, comhstri, fearg, trod, aimhreit, eiriceachd,
21Farmad, murt, misg, geocaireachd, agus an leithidean sin: mu bheil mi g-innse dhuibh, mar a dhʼ innis mi dhuibh a cheana, nach sealbhaich iadsan, a ni an leithidean sin, rioghachd Dhe.
22Ach se toradh an spioraid carrantachd, aoibhneas, sith, faighidin, caoimhneas, mathas, fad-fhulangas,
23Ciuineachd, creideamh, stuamachd, measarrachd, geamnachd. An aghaidh an leithidean sin cha n-eil lagh.
24Agus iadsan, is le Criosta, cheus iad am feoil le giomhan ʼs le h-ana-miannan.
25Ma ʼsann san spiorad a tha sinn beo, imichemid mar an ciadna anns an spiorad.
26Na bithemid deidheil air faoin ghloir, a buaireadh a cheile, a gabhail farmaid ri cheile.

Currently Selected:

Ghalatia 5: MacETN

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in