1
Ghalatia 6:9
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
MacETN
Agus na failnichemid ann am math dhianamh: oir, mur failnich, buainidh sinn ʼna thrath.
Compare
Explore Ghalatia 6:9
2
Ghalatia 6:10
Uime sin fhad ʼsa tha uine againn dianamaid math do dhaoine uile, ach gu sonraichte dhaibh-san, a tha de theaghlach a chreidimh.
Explore Ghalatia 6:10
3
Ghalatia 6:2
Giulainibh eallaichean a cheile, agus mar sin coimhlionaidh sibh lagh Chriosta.
Explore Ghalatia 6:2
4
Ghalatia 6:7
Na bithibh air ur mealladh: cha dianar fanaid air Dia.
Explore Ghalatia 6:7
5
Ghalatia 6:8
Oir na dearbh nichean a chuireas duine, ʼsiad a bhuaineas e. Oir am fear a chuireas ʼna fheoil, bho ʼn fheoil buainidh e truailleachd: ach am fear a chuireas san spiorad, bho ʼn spiorad buainidh e a bheatha shiorruidh.
Explore Ghalatia 6:8
6
Ghalatia 6:1
Agus, a bhraithrean, ma ghlacar duine ann an coire air bith, sibhse, a tha spioradail, teagaisgibh a leithid ann an spiorad na ciuineachd, a sealltuinn riut fhein, eagal gum bi thu fhein cuideachd air do bhuaireadh.
Explore Ghalatia 6:1
7
Ghalatia 6:3-5
Oir ma shaoileas duine gur rudeigin e fhein, ʼs gun ann ach neoni, tha e ga mhealladh fhein. Ach dearbhadh gach aon ʼobair fhein, agus mar sin bithidh uaill aige ann fhein a mhain, ʼs cha n-ann an neach eile. Oir giulainidh gach aon eallach fhein.
Explore Ghalatia 6:3-5