II. Chorint 5
5
V. CAIB.
Tha e toileach air a thuinidh thalmhaidh fhagail gu bhith maille ris an Tighearna: a charrantachd do mhuinntir Chorint.
1Oir tha fios againn ma leagar tigh talmhaidh ar tuinidh an so, gum beil aitreabh againn bho Dhia, tigh siorruidh air neamh, nach dʼ rinneadh le lamhan.
2Oir ann an so tha sinn a g-osnaich, an geall air a bhith air ar n-eideadh leis an tigh a tha bho neamh:
3Ma se ʼs gum faighear sinn sgeadaichte, ʼs cha n-ann ruisgte.
4Oir tha sinne, a tha sa phaillinn so, a g-osnaich fo shac: a chionn nach math leinn a bhith air ar rusgadh, ach air ar n-eideadh air uachdar, gu sin a tha bàsmhor a bhith air a shlugadh suas leis a bheatha.
5A nis esan, a tha ga ʼr dianamh reidh air son so, se Dia e, a thug dhuinn earlas an Spioraid.
6Uime sin tha sinn daonnan misneachail, a tuigsinn gum beil sinn an cein bho ʼn Tighearna fhad ʼsa tha sinn sa choluinn so:
7(Oir tha sinn a triall tromh chreideamh, ʼs cha n-ann tromh shealladh soilleir)
8Ach tha sinn am misnich, agus tha deagh thoil againn a bhith air fogradh bho ʼn choluinn, ʼsa bhith lathair maille ris an Tighearna.
9Uime sin tha sinn a stri, co-dhiu ʼsann san lathair no as an lathair, ri thoileachadh.
10Oir feumar ar foillseachadh uile air bialaobh cathair-bhreitheanais Chriosta, gus am faigh a h-uile h-aon na tha dligheach do ʼn choluinn, a reir ʼs mar a rinn e, biodh e math no olc.
11A g-aithneachadh ma ta eagal an Tighearna, tha sinn a brosnachadh dhaoine; ach is follaiseach do Dhia sinn. Seadh, agus tha mi an dochas gum beil sinn follaiseach do na cogaisean agaibhse.
12Cha n-ann ga ʼr moladh fhein dhuibh a rithist a tha sinn, ach gu aobhar uaill a thoirt duibh as ar leth; gu freagairt a bhith agaibh do ʼn fheadhainn a tha gabhail uaill anns an aodann, ʼs cha n-ann sa chridhe.
13Oir ma tha sinn dol thar ar beachd, ʼsann do Dhia: no ma tha sinn stuama, ʼsann dhuibhse.
14Chionn tha carrantachd Chriosta ga ʼr cur h-uige: a measadh so, ma fhuair a h-aon bàs air son dhaoine uile, a reir sin bha iad uile marbh;
15Agus fhuair Criosta bàs air son dhaoine uile; gus nach biodh iadsan, a tha beo, nas fhaide beo dhaibh fhein, ach dhasan a bhàsaich air an son, ʼsa dhʼ eirich a rithist.
16Uime sin á so suas cha n-aithne dhuinn duine a reir na feola. Agus ged a bʼ aithne dhuinn Criosta a reir na feola, a nis cha n-aithne dhuinn e mar sin nas fhaide.
17Ma tha h-aon air bith ma ta ann an Criosta, is creutair ùr e, dhʼ fhalbh na seann nichean: seall, rinneadh a h-uile ni ùr.
18Ach tha h-uile ni bho Dhia, a reitich ris fhein sinn tromh Chriosta; ʼsa thug riarachadh na reite dhuinn.
19Oir bha Dia gu deimhinn ann an Criosta a reiteachadh an t-saoghail ris fhein, gun bhith cur an ciontan as an leth; agus bhuilich e oirnne facal na reite.
20Air son Chriosta ma ta tha sinn ʼnar teachdairean, Dia mar gum bʼ eadh a comhairleachadh tromhainn. An ainm Chriosta ma ta tha sinn a guidhe oirbh, dianaibh reite ri Dia.
21Oir rinn e esan, do nach bʼ aithne peacadh, ʼna pheacadh air ar son-ne, los gun dianteadh sinne ʼnar ceartas De annsan.
Currently Selected:
II. Chorint 5: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017