II. Chorint 6
6
VI. CAIB.
Tha e cur mu ʼn coinneamh striochdadh do ghrasan De; ʼs gun chomunn a bhith aca ri mi-chreidich.
1Mar luchd-cuideachaidh ma ta tha sinn gu ʼr brosnachadh, nach gla sibh grasan De gu diomhain.
2Oir tha e g-radh: Ann an àm taitneach dhʼeisd mi riut, agus ann an latha an t-sabhalaidh chuidich mi thu. Seall a nis an t-àm taitneach, seall a nis latha an t-sabhalaidh.
3Gun a bhith toirt aobhar sgainneil do neach air bith, gus nach faighear coire dha ʼr frithealadh:
4Ach anns a h-uile ni fiachamaid sinn fhein mar luchd-frithealaidh Dhe, ann am mor fhaighidin, an trioblaidean, an uireasuidh, an airc,
5An sgiursaidhean, am priosanan, am buaireasan, an saothair, am faire, an traisg,
6Ann an geamnachd, an eolas, am fad-fhulangas, an caoimhneas, anns an Spiorad Naomh, an carrantachd gun fhoill,
7Ann am facal na firinne, an cumhachd Dhe: le airm a cheartais air an laimh dheis agus chli,
8Tromh onair agus as-onair, tromh dhroch iomradh agus dheagh iomradh; mar mhealltairean, ach firinneach; mar neo-aithnichte, ach aithnichte;
9Mar a dol bàs, ach, seall, tha sinn beo; air ar smachdachadh, ach gun ar marbhadh;
10Mar fo bhròn, ach daonnan aighearach; mar ann an uireasuidh, ach a dianamh moran beairteach: mar gun aiteal againn, ach a sealbhachadh a h-uile ni.
11Tha ar bial fosgailte dhuibh, O mhuinntir Chorint, tha ar cridhe air fàs farsuinn.
12Cha n-eil sibh air ur teannachadh unnainne: ach tha sibh air ur teannachadh ʼnur n-innibh fhein.
13Ach bhon is ionann duais dhuinn (tha mi labhairt mar ri mo chloinn): Fasaibhse cuideachd farsuinn.
14Na giulainibh a chuing marris na mi-chreidich. Oir ciod an companas a thʼ aig ceartas ri eucoir? ciod an comunn a thʼ aig solus ri dorchadas?
15Agus ciod an cordadh eadar Criosta us Belial? no ciod a chuid a thʼ aig creideach ri mi-chreideach?
16Agus ciod an t-aontachadh eadar teampull De agus iodholan? Oir is sibhse teampull an De bheo, mar tha Dia g-radh: Gabhaidh mi comhnuidh unnta, us imichidh mi ʼnam measg, agus bithidh mise na mʼ Dhia dhaibh, agus bithidh iadsan ʼnam pobull dhomhsa.
17Air an aobhar so falbhaibh a mach as am miadhon, agus dealaichibh riu, os an Tighearna, agus na beanaibh do ʼn ni shalach:
18 Agus gabhaidh mise sibh; us bithdh mi na mʼ Athair dhuibh, agus bithidh sibhse ʼnur mic, ʼs ʼnur nigheanan dhomhsa, os an Tighearna uile-chumhachdach.
Currently Selected:
II. Chorint 6: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017