II. Chorint 4
4
IV. CAIB.
Tha e fiachirinn treibhdhireas a theagaisg: an fhurtachd a thʼ aige fo thrioblaidean.
1Uime sin leis an fhrithealadh so a bhith againn a reir ʼs mar fhuair sinn trocair, cha n-eil sinn a fannachadh,
2Ach tha sinn leigeil dhinn nichean falaichte na mi-chiatachd, us cha n-eil sinn a g-imeachd am foill, no a truailleadh facal De, ach le cur na firinn an ceill ga ʼr moladh fhein do chogais a h-uile duine an lathair Dhe.
3Ach ma tha ar soisgeul-ne am falach, ʼsann orra-san, a tha dol a dhith, a tha e am falach:
4Anns an do dhall dia an t-saoghail so inntinnean nam mi-chreideach, gus nach dearrsadh orra solus soisgeil gloir Chriosta, agus is esan iomhaigh Dhe.
5Oir cha sinn fhein a tha sinn a searmonachadh, ach Iosa Criosta ar Tighearna; agus gur sinn ur seirbhisich-sa tromh Iosa.
6Oir Dia, a dhʼ orduich do ʼn t-solus soillseachadh as an dorchadas, dhealraich e ʼnar cridheachan, a thoirt solus eolais gloir Dhe, ann an aodann Iosa Criosta.
7Ach tha an ulaidh so againn ann an saghaichean creadha, gus an oirdheirceas a bhith bho chumhachd Dhe, ʼs cha n-ann bhuainne.
8Anns a h-uile ni tha sinn a fulang trioblaide, ach cha n-eil sinn an imcheist; tha sinn air ar teannachadh, ach cha n-eil sinn gun fhuasgladh;
9Tha sinn a fulang geur-leanmhuinn, ach cha n-eil sinn air ar treigsinn; tha sinn air ar tilgeadh sios, ach cha bhàs duinn:
10A sior-ghiulan mun cuairt ʼnar coluinn bàsachadh Iosa, gu beatha Iosa cuideachd a dhianamh follaiseach ʼnar coluinnean.
11Oir tha sinne a tha beo air ar liubhairt seachad an comhnuidh gu bàs air son Iosa; gu beatha Iosa fhiachuinn gu soilleir mar an ciadna ʼnar feoil bhasmhoir-ne.
12Mar sin tha am bàs a g-oibreachadh unnainne, ach a bheatha unnaibhse.
13Ach air do ʼn spiorad chiadna creidimh a bhith againn, mar tha e sgriobhte: Chreid mi, as leth sin labhair mi: tha sinne cuideachd a creidsinn, as leth sin tha sinn a labhairt:
14Le fios gun tog esan, a thog Iosa, sinne cuideachd maille ri Iosa, ʼs gun suidhich e sinn cuide ribhse.
15Oir tha h-uile ni air ur sonsa: los pailteas nan gras, le breth-buidheachais morain, a chinntinn pailt gu gloir Dhe.
16Air an aobhar sin cha n-eil sinn a failneachadh: oir ged a tha ar fear an leth-a-mach air a thruailleadh; dhʼ àindeoin sin tha fear an leth-a-stigh air ùrachadh bho latha gu latha.
17Oir tha sin, a tha dhuinn an drasda ʼna thrioblaid dhiomain agus aotruim, a dianamh suas unnainn cudthruim shiorruidh de ghloir, a tha fada mor thar tomhas,
18Unnainn nach eil a coimhead air na nichean a chithear, ach air na nichean nach fhaicear. Oir tha na nichean a chithear aimsireil: ach tha na nichean nach fhaicear siorruidh.
Currently Selected:
II. Chorint 4: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017