Gliocas Sholaimh 7
7
CAIB. VII.
1Is duine bàsmhor mise fein mar an ceudna, cosmhuil ris na h‑uile, agus sliochd an tì sin a rinneadh an toiseach as an talamh,
2Agus a dhealbhadh ann am broinn mo mhàthar gu bhi a ʼm fheòil ann an ùine dheich mhìosa, air mo chur ri chéile ann am fuil, do shìol an duine, agus an toilinntinn a thàinig o ʼn chodal.
3Agus an uair a rugadh mi, tharruing mi stigh an anail chumanta, agus thuit mi air an talamh, a ta do ʼn nàdar cheudna, agus bʼ e rànaich aʼ cheud ghuth a labhair mi, mar a ta na h‑uile aʼ deanamh.
4Bha mi air mʼ altruim ann am brat‑spéillidh, agus sin le cùram.
5Oir cha ʼn ʼeil rìgh ann aig an robh toiseach breith idir eile.
6Oir tha aon inndrinn#7.6 inndrinn ‑ dhol a steach ‑ entry, entrance a stigh do ʼn bheatha aig na h‑uile dhaoinibh, agus a leithid eile a mach.
7Uime sin rinn mi ùrnuigh, agus thugadh tuigse dhomh: ghairm mi air Dia agus thàinig spiorad na gliocais dʼ am ionnsuidh.
8Ròghnuich mi i air thoiseach air slataibh‑rìoghail agus air rìgh‑chaithrichibh, agus mheas mi saoibhreas mar neoni an coimeas rithe.
9Ni mò a shamhlaich mi rithe clach luachmhor sam bith; do bhrìgh gu ʼm bheil gach òr dʼ a taobhsan mar rud beag gaineimh, agus an coimeas rithe measar airgiod mar chrèadha.
10Ghràdhaich mi i os ceann slàinte agus maise, agus bʼ fhearr leam agam i nʼ an solus; oir cha téid an solus a thig uaipesan a chaoidh as.
11Thàinig na h‑uile nithe maithe dʼ am ionnsuidh cuideachd maille rithe, agus saoibhreas gun àireamh ʼna làmhaibh.
12Agus rinn mi gàirdeachas annta uile, aʼ chionn gu ʼm bheil gliocas aʼ dol air thoiseach orra: agus cha robh fios agam gu ʼm bu mhàthair i dhoibh.
13Dhʼ ionnsuich mi gu dìchiollach i, agus tha mi gu fìalaidh ʼga toirt seachad: cha ʼn ʼeil mi ʼfoluchadh a saoibhreis.
14Oir is ionmhas i do dhaoinibh nach fàilnich gu bràth; iadsan a nì feum dhith is càirdean do Dhia iad, air doibh a bhi air am moladh air son nan tiodhlac a thig o fhoghlum.
15Thug Dia comas domh labhairt mar a ʼs àill leam, agus smuaineachadh mar a ta freagarrach a thaobh nan nithe a thugadh dhomh: do bhrìgh gur esan a threòraicheas gu gliocas, agus a stiùireas na daoine glice.
16Oir ʼna làimh‑sa tha araon sinne agus ar briathra; gach gliocas mar an ceudna, agus eòlas air oibreachadh.
17Oir thug e dhomhsa eòlas àraidh air na nithibh a ta ann, ʼse sin, fios ciamar a rinneadh an saoghal, agus ciamar a ta na dùilean ag oibreachadh:
18Toiseach, deireadh, agus meadhon nan tràth: caochlaidhean thionndaidh na gréine, agus atharrachadh nan aimsir:
19Cuairtean nam bliadhna, agus suidheachadh nan reult:
20Nàdairean chreutairean beò, agus gairge nan uile‑bhéisd: ainneart nan gaoth, agus reusonachadh dhaoine: eadar‑dhealachadh luibhean, agus buaidhean nam freumh:
21Agus tha fios agam air uile nithibh a leithid sin a ta aon chuid uaigneach no follaiseach.
22Oir theagaisg gliocas mi, a ta ʼg oibreachadh nan uile nithe: oir innte tha spiorad na tuigse, naomh, a h‑aon a mhàin, iomadach, seòlta, beòthail, soilleir, neo‑thruaillidh, réidh, neo‑bhuailteach do dhochann, aʼ gràdhachadh an nì a ta maith, ealanta, nach gabh bacadh, deas chum maith a dheanamh,
23Càirdeil do ʼn duine, seasmhach, cinnteach, saor o chùram, aʼ sealbhachadh gach cumhachd, aʼ coimhead nan uile nithe, aʼ dol troimh gach tuigse, agus gach uile spiorad fìor‑ghlan agus ro innleachdach.
24Oir tha gliocas ni ʼs gluasadaich ʼna gluasad sam bith: théid i seachad agus troimh nan uile nithe a thaobh a fìor‑ghloinid.
25Oir is anail cumhachd Dhé i, agus feart fìorghlan aʼ sruthadh o ghlòir an Uile‑chumhachdaich: uime sin cha téid nì truaillidh sam bith ʼna fochair.
26Oir is ise soilleireachd an t‑soluis shìorruidh, sgàthan gun smal cumhachd Dhé, agus ìomhaigh a mhaitheis.
27Agus air bhi dhi ʼna h‑aon, is urrainn di na h‑uile nithe a dheanamh: agus aʼ fantuinn innte fein, nì i na h‑uile nithe nuadha: agus anns gach lìnn aʼ dol a stigh do anamaibh naomha, nì si iad ʼnan càirdibh do Dhia agus ʼnam fàidhibh.
28Oir cha ʼn ʼeil gràdh aig Dia do neach sam bith, ach do ʼn tì a ta chòmhnuidh maille ri gliocas.
29Oir a ʼs maisichʼ e na ghrian, agus tha e os ceann uile òrdugh nan reult: air a shamhlachadh ri solus, gheibhear e air thoiseach air.
30Ach an déigh so thig an oidhche: ach cha toir aingidheachd buaidh air gliocas.
Currently Selected:
Gliocas Sholaimh 7: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017