Bible App logo
Search Icon

Gliocas Sholaimh 8

8
CAIB. VIII.
1Ruigidh gliocas le cumhachd o aon cheann gu ruig an ceann eile; agus òrdaichidh i na h‑uile nithe gu taitneach.
2Ghràdhaich mi i, agus dhʼ iarr mi mach i o ʼm òige; mhiannaich mi a deanamh ʼna céile domh, agus bha gràdh agam dʼ a maise.
3Air di a bhi eòlach air Dia, meudaichidh i a mòrachd fein; seadh, ghràdhaich Tighearna nan uile nithe i.
4Oir tha fios aice air dìomhaireachdan eòlais Dè, agus aʼ gràdhachadh nan oibre aige.
5Ma tha saoibhreas ʼna sheilbh a ta rʼ a iarraidh ʼsa bheatha so, ciod a ʼs saoibhre na gliocas, a ta ʼg oibreachadh nan uile nithe?
6Agus ma dhʼ oibricheas tuigse, cʼ àit am measg nan uile am bheil fear‑oibre ni ʼs innleachdaich na ise?
7Ma ghràdhaicheas duine fìreantachd, tha a h‑oibre ʼnan subhailcibh; oir teagaisgidh i stuamachd agus gliocas, ceartas agus treubhantas, a leithid is nach urrainn daoine nithe ni ʼs buanachdail fhaotuinn rè am beatha.
8Ma dhʼ iarras duine mòran cleachdaidh, tha fios aice‑se air nithibh o shean, agus bheir i barail cheart ciod a ta chum teachd: tha eòlas aice‑se air seòltachdaibh gach còmhraidh, agus comas aice earrainean dorcha a mhìneachadh: tha i aʼ faicinn roimh làimh chomharan agus iongantasan, agus chùisean gach aimsirʼ agus tràth.
9Uime sin chuir mi romham a gabhail a ʼm ionnsuidh gu bhi beò maille rium, air domh fios a bhi agam gum biodh i ʼna comhairliche air nithibh maithe, agus ʼna comhfhurtachd ann an doilghiosaibh agus àmhghar.
10Air a sgàth‑se tha meas orm am measg na mòr‑chuideachd, agus urram agam maille ris na seanairibh, ged a tha mi òga.
11Gheibhear mi ealanta ann am barail chum breitheanas a dheanamh, agus bithidh mòr‑mheas dìom ann an sealladh dhaoine mòra.
12An uair a bhios mi ʼnam thosd, fanaidh iad rimʼ dhàil: agus an uair a labhras mi bheir iad deagh chluas domh: ma labhras mi mòran, cuiridh iad an làmhan air am beul.
13Os bàrr, gheibh mi neo‑bhàsmhorachd trìd‑se, agus fàgaidh mi ʼnam dhéigh cuimhneachan buan‑mhaireannach dhoibh‑san a thig ʼnam dhéigh.
14Cuiridh mi am pobull ann an òrdugh, agus bithidh na cinnich fo ʼm smachd.
15Bìthidh na h‑an‑tighearnan oillteil fo eagal eadhon an uair a chluinneas iad umam; gheibhear maith mi am measg na mòr‑chuideachd, agus treun ann an cath.
16An déigh dhomh teachd chum mo thighe, gabhaidh mi fois maille rithe: oir cha ʼn ʼeil searbhadas ʼna còmhradh: agus cha ʼn ʼeil bròn ann a bhi teachd beò maille rithe, ach cridhealas agus aoibhneas.
17A nis, an uair a smuainich mi air na nithibh sin annam fein, agus a chnuasaich mi ʼnam chridhe iad, ciamar is i neo‑bhàsmhorachd a bhi ann an dlùth‑dhàimh ri gliocas;
18Agus cia mòr an toilinntinn a bhi ann an càirdeas rithe; agus gur saoibhreas neo‑chrìochnuichte oibre a làmh; agus gur tuigse a bhi ʼcleachdadh còmhraidh rithe; agus gur deagh chliù a bhi ʼlabhairt rithe: chaidh mi mu ʼn cuairt ag iarraidh ciamar a ghabhas mi a ʼm ionnsuidh i.
19Oir bha mi ʼnam leanabh geur, agus bha deagh spiorad agam.
20Seadh gidheadh, air domh a bhi maith, thàinig mi a stigh do chorp neo‑thruaillidh.
21Os bàrr, an uair a mhothuich mi nach bʼ urrainn mi gréim a dheanamh oirre air sheòl eile, mar tugadh Dia dhomh i; agus bu phùing gliocais mar an ceudna fios fhaotuinn cò dʼ an tiodhlac i; rinn mi ùrnuigh ris an Tighearna, agus ghuidh mi air, agus le mʼ uile chridhe thubhairt mi,

Currently Selected:

Gliocas Sholaimh 8: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in