YouVersion Logo
Search Icon

Tobit 14

14
CAIB. XIV.
1Mar so sguir Tobit o bhi moladh Dhé.
2Agus bha e ochd bliadhna deug agus dà fhichead an uair a dhalladh e, agus fhuair e a radharc an déigh ochd bliadhna: agus thug e déirce seachad, agus mheudaich e ann an eagal an Tighearna, agus mhol se e.
3Agus an uair a bha e ro aosda, ghairm e a mhac, agus seisear mhac a mhic, agus thubhairt e ris, A mhic, gabh do chlann; oir, feuch, tha mi aosda, agus deas gu dol a mach as aʼ bheatha so.
4Rach do Mhedia, a mhic; oir gu cinnteach tha mi aʼ creidsinn nan nithe a labhair Ionas am fàidh mu Ninebhe, gu ʼn tilgear bun os ceann e; agus gu ʼm bi sìth a réir coslais car tamuill ann am Media; agus gu ʼm bi ar bràithrean air an sgapadh air an talamh as an deagh fhearann sin: agus bithidh Ierusalem air fhàsachadh, agus gu ʼm bi tigh Dhé an sin air a losgadh, agus car ùine air fhàsachadh;
5Agus gu ʼn dean a rìs Dia tròcair orra, agus gu ʼn toir e iad a rìs chum an fhearainn, far an tog iad teampull, ach aon a bhios eu‑cosmhuil ris aʼ cheud teampull, gus am bi àm na lìnne sin air a choimhlionadh; agus an déigh sin pillidh iad o uile ionadaibh am bràighdeanais, agus togaidh iad suas Ierusalem gu h‑àillidh, agus bithidh tigh Dhé air a thogail ann gu bràth le clachaireachd ghlòrmhor, mar a labhair na fàidhean ma thimchioll.
6Agus pillidh gach uile chinneach, agus bithidh eagal an Tighearna Dé orra gu fìrinneach, agus adhlaicidh iad an iodhola fein.
7Mar so molaidh na cinnich uile an Tighearna, agus aidichidh a phobull fein Dia, agus àrdaichidh an Tighearna a shluagh fein: agus nì iadsan uile gàirdeachas a ta ʼgràdhachadh an Tighearna Dé ann am fìrinn agus ann an ceartas, aʼ nochdadh tròcair dʼ ar bràithribh.
8Agus a nis, a mhic, thoir as thu fein o Ninebhe; do bhrìgh gun tig na nithe sin gu cinnteach gu crìch mu ʼn do labhair am fàidh Ionas.
9Ach gléidh thusa an lagh agus na h‑àitheanta, agus nochd thu fein tròcaireach agus ceart, a chum gu ʼn éirich gu maith dhuit.
10Agus adhlaic mi gu h‑eireachdail, agus do mhàthair maille rium; ach na fan ni ʼs faide ann an Ninebhe. Cuimhnich, a mhic, mar a làimhsich Aman Achiacharus a thug suas e, ciamar a mach á solus a thug se e chum dorchadais, agus cia mar a dhuaisich se e a rìs; gidheadh bha Achiacharus air a theàrnadh, ach fhuair an t‑aon eile a dhuais: oir chaidh e sìos do dhorchadas. Thug Manasses seachad déirce, agus chaidh e as o ribeachaibh aʼ bhàis a shuidhich iad air a shon: ach thuit Aman anns an ribe, agus chaidh as da.
11Uime sin a nis, a mhic, beachdaich ciod a nì déirce, agus cia mar a shaoras fìreantachd. An uair a thubhairt e na nithe sin, thug e suas an deò ʼsan leabaidh, air dà a bhi ochd bliadhna deug agus seachd fichead a dhʼ aois; agus dhʼ adhlaic se e gu h‑eireachdail.
12Agus an uair a chaochail Anna a mhàthair, dhʼ adhlaic se i maille ri ʼathair: ach dhʼ fhalbh Tobias le mhnaoi fein agus le chloinn chum Ecbatane, dhʼ ionnsuidh Ragueil athar‑céile fein,
13Far an dʼ fhàs e aosda le h‑urram; agus dhʼ adhlaic e athar agus a mhàthair‑chéile gu h‑eireachdail, agus fhuair e an cuid, agus cuid Thobit athar fein, mar oighreachd.
14Agus dhʼ eug e aig Ecbatane ann am Media, air dà a bhi sèa fichead agus seachd bliadhna a dhʼ aois.
15Ach mu ʼn do chaochail e chual e mu sgrios Ninebhe, a ghlacadh le Nabuchodonosor agus Assuerus: agus roimh a bhàs rinn e gàirdeachas thar Ninebhe.

Currently Selected:

Tobit 14: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in